"Thèid èisteachd ri beachdan mu HIE"

  • 5 Am Faoilleach 2017
HIE

Thuirt Rùnaire a' Chabineit 'son na h-Eaconamaidh, Keith Brown, gun èist iad ri beachdan bhall-pàrlamaid mu Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

Thuirt Mgr Brown cuideachd gur e gòraiche a th' ann a bhith ag ràdh gur e dòigh air cumhachd a tharraing air ais dhan mheadhan a th' ann am planaichean an Riaghaltais airson HIE.

Tha mì-thoileachas ann leis na molaidhean, 's an Riaghaltas am beachd bòrd ùr a stèidheachadh le dleastanas airson HIE, Iomairt na h-Alba, is Leasachadh Sgilean na h-Alba, am measg eile, còmhla.

Tha cuid ag ràdh gun cuireadh sin às do HIE, is gur e eisimpleir eile a th' ann air mar tha an Riaghaltas airson cumhachdan a tharraing a-steach gu meadhan na dùthcha.

Thuirt Mgr Brown gu bheil sin ceàrr, 's gun lean HIE, is gun tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd, le co-obrachadh a bharrachd le buidhnean eile.

Thuirt Mgr Brown cuideachd gun èist an Riaghaltas ri molaidhean a tha a' tighinn bho riochdairean SNP air a' Ghàidhealtachd, Iain Blackford is Ceit Fhorbeis, 'son HIE, is chaidh e às àicheadh gu bheil dragh orrasan gum faodadh iad taic a chall ri linn an t-suidheachaidh seo.