Rabhadh bhon na poilis

  • 27 An Dùbhlachd 2016

Nochd rabhadh bhon roinn na Gàidhealtachd 's nan Eilean de Phoilis Alba gun a bhith a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe neo dhrogaichean.

Tha iomairt shàbhailteachd a' dol air feadh Alba thairis air àm na Nollaige 's na Bliadhn' Ùire airson aire dhraibhearan a thogail.

Thuirt an Insp. Gus Stiùbhart bho Roinn nan Rathaidean gum bu chòir do dhaoine na planaichean aca a dhèanamh ro làimhe gus nach bi iad cho buailteach a dhol air cùl na cuibhle às dèidh dhaibh a bhith ag òl.

Bu chòir dhaibh cuideachd a bhith mothachail, thuirt e, gum faodadh iad fhathast a bhith os cionn na h-ìre ceadaichte an ath-mhadainn às dèidh dhaibh a bhith ag òl.

Dh'iarr e air a' phoball fios a chumail ri na poilis ma tha iad an amharas gu bheil cuideigin a' dràibheadh às dèidh dhaibh drogaichean neo barrachd deoch làidir na tha ceadaichte a ghabhail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile