Buaidh Barabal

  • 23 An Dùbhlachd 2016
coastguard sign

Tha Stoirm Barabail air a bhith a' toirt buaidh air iar-thuath na h-Alba Dihaoine.

Chaidh neart na gaoithe a chlàradh ann an Uibhist a Deas cho àrd ri 74msu.

Tha dùil gun ruig i eadar 80-90msu anns na h-Eileanan an Iar, an t-Eilean Sgitheanach, costa an iar-thuath agus na h-Eileanan mu Thuath.

Dhùin Comhairle na Gàidhealtachd còrr air 100 sgoil agus sgoil-àraich sa sgìre agus chithear am fiosrachadh air fad air làraich-lìn na Comhairle..

Tha sgoiltean nan Eilean Siar dùinte air saor-làithean mar tha.

Thug Polais Steòrnobhaigh rabhadh seachad gu faodadh rathad a' Bhraighe dùnadh feasgar.

Tha na suailichean a' tighinn thairis mar tha, agus tha làn àrd ann aig 15.10 - cùmaidh iad sùil air cùisean.

Maill

Image caption Bha sgalan-gaoithe a' ruighinn 74 msu ann an Uibhist a Deas.

Tha an dealain dheth ann Loch a' Chàrnain, Uibhist a Deas ach tha SEE an dòchas gum bi e air ais ro 1.30f. Bha e dheth cuideachd ann a sgìre a' Bhac ann an Leòdhas ach tha e air ais a sin a-nise.

Dh'iarr SSE air daoine fònadh gu 105 ma thèid an dealan dheth.

Chaidh na h-aiseagan dha na h-Eileanan an Iar agus na h-Eileanan mu Thuath uile an cuir dheth.

Thuirt Calmac cuideachd nach bi seòlaidhean ann nas motha eadar na h-eileanan.

Tha dùil gum bi màill air na treanaichean cuideachd agus cuid de sheirbhisean air an cur dheth.

Cha bhi na h-uidhear de sheirbhisean-rèile a ruith eadar Inbhir Nis agus a' Chaol, no eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige.

Chaidh iarraidh air daoine a tha an duil sgeith dha na h-Eileanan sùil a chumail air larach-lìn Flybe airson fiosrachadh mu na seirbhisean aca.