Oidhirp bann-leathainn dùthchail a leasachadh

  • 22 An Dùbhlachd 2016
Caballan

Thèid cha mhòr £18m a chosg air seirbheisean bann-leathainn ann an sgìrean dùthchail na h-Alba a leasachadh.

Tha seo mar phàirt de £440m a thèid a chur an sàs ann am bann-leathainn fìor-luath air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Thàinig an t-airgead bho shàbhalaidhean a chaidh a dhèanamh agus cuideachd bho airgead a thill BT mar phàirt de sgeama bann-leathainn Riaghaltas Westminster.

Tha dragh air cuid ge-tà nach toir an sgeama buannachd dhan fheadhainn aig a bheil an t-seirbheis as miosa.

Ann an 2010 dh'aontaich Riaghaltas na RA airgead a thoirt do BhT gus bann-leathainn fìor luath fhaighinn chun nan sgìrean as iomallaiche.

Mar phàirt den àonta, nan ceannaicheadh 20% de dhachannan anns na sgìrean sin bann-leathainn fìor luath, dh'fheumadh BT pàirt den subsadaidh a phàigheadh air ais.

Air feadh Alba fhuair 26.30% de dhachannan an t-seirbheis, a ciallachadh gun deach £17,843,000 a phàigheadh air ais do Roinn a' Chultair, nam Meadhanan agus an Spòrs.

Buannachd

Thuirt Rùnaire a' Chultair, Karen Bradley, gur iad an fheadhainn aig nach eil an t-seirbheis an-dràsda a gheibh am buannachd bho na chaidh ainmeachadh an diugh.

"Tha e a ciallachadh ann an Alba gu bheil 670,000 dachaigh aig a bheil bann-leathainn nas luaithe mar thoradh air an obair a tha sinn air a dhèanamh agus a-niste gheibh barrachd an t-seirbheis," thuirt i.

Thuirt Rùnaire an h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, gu bheil Riaghaltas na h-Alba air a bhith ag obair airson ùine a-niste gus seirbheis fìor luath fhaighinn gu gach coimhearsnachad ann an Alba a dh'aindeoin nach eil Riaghaltas Westminster air gu leòr a dhèanamh san roinn.

"Tha sinn mar-thà air £410m a chur an sàs ann an sgeama gus bann-leathainn fibre a leudachadh gu 95% de dhachannan ro dheireadh na h-ath bhliadhna.

"Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd ag amas air bann-leathainn fìor luath a sgaoileadh air feadh 100% de dh' Alba mus tig a' phàrlamaid-sa gu crìch ann an 2021," thuirt e.