Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Berlin

Tha aithrisean a' tighinn às a' Ghearmailt gu bheil poilis an sin a' coimhead airson fear à Tunisia an dèidh na h-ionnsaigh ann am Berlin. Thuirt poilis gun d' fhuair iad pàipearan an duine sin anns an làraidh a chaidh a dhràibheadh tro mhargaidh Nollaige oidhche Luain a' marbhadh 12 duine.

An t-Eadar-Lìon

Thuirt Cùirt Cheartais na h-Eòrpa nach bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a bhith a' glèidheadh an fhiosrachaidh bhon eadar-lìon fo lagh air a bheil 'snoopers charter' mar ainm aig feadhainn a tha a' càineadh an lagha sin. Thuirt Oifis na Dùthcha gun dèan an Riaghaltas tagradh an aghaidh co-dhùnadh na Cùirte Eòrpaich.

Siria

Chaidh maill air an earrainn mu dheireadh den t-sluagh a thoirt a-mach às an sgìre mu dheireadh de dh'Aleppo anns a bheil na reubaltaich fhathast. Tha Arm Shiria a' feitheamh ri smachd a ghabhail air a' bhaile gu lèir. Thuirt buidhnean cobhair anns an sgìre gun deach stad airson ùine mhòir a-raoir air conbhoigh de bhusaichean agus carbadan eile.

Drabastachd

Thuirt poilis gu bheil an àireamh dhaoine a tha fo rannsachadh co-cheangailte ri casaidean mu dhrabastachd an aghaidh cloinne ann am ball-coise a' sìor èirigh. Tha an àireamh a tha fo amharas air feadh Bhreatainn aig 429 agus 155 eile a dh'fhaodadh a bhith fo amharas. Tha 148 cluba ball-coise glacte anns a' chùis. Chuir Poilis Alba sgioba rannsachaidh shònraichte air bhonn agus cuiridh Comann Ball-Coise na h-Alba sgrùdadh neo-eisimeileach air dòigh.

Bàta-slaodaidh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun lean iad orra ag iarraidh an dàrna bàta-slaodaidh èiginn a dh'aindeoin cùmhnant ùr airson tug dhan cheann a tuath agus an costa an iar. Tha am bàta sin, an Ievoli Black, a' tòiseachadh air cùmhnant fad còig bliadhna air an là mu dheireadh den bhliadhna seo. Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil sin ceart gu leòr ach gu bheil bàta-slaodaidh stèidhichte ann an Arcaibh ro fhada air falbh bho èiginn air a' chosta an iar.

RBS

Tha Banca Rìoghail na h-Alba am measg seachd bhancaichean air an deach càin, £78m uile gu lèir, airson a bhith a' gabhail gnothaich nach bu chòir ris an riadh. Thuirt Coimisean Farpais na h-Eilbheis gun robh buidheann bhancaichean còmhla a' ruith sgeama airson buaidh a thoirt air ìre an rèidh a' dol air ais gu 2005. Tha Barclays, Deutsche Bank agus Credit Suisse am measg nam bancaichean eile air an deach càin.