Coinneamh an Ceann Loch Lìobhainn mu Shirianaich

  • 19 An Dùbhlachd 2016
Ceann Loch Mòr Image copyright Malc McDonald/Geograph

Thèid coinneamh phoblach a chumail ann an Ceann Loch Lìobhain a-nochd far an tèid innse mu na planaichean airson teaghlaichean Sirianach a ghluasad dhan sgìre.

Bidh ceithir teaghlaichean a' gluasad ann tràth an ath-bhliadhna.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh iad deònach 30 teaghlaichean à Siria a chuideachadh airson an dachaigh a dhèanamh san sgìre.

'S ann as t-Samhradh a ràinig a' chiad bhuidheann dhiubh.

Tha feadhainn aca a-niste a' fuireach ann an Alanais air taobh sear Rois.

Tha a' Chomahirle a-niste ag ràdh gu bheil iad deiseil agus deònach barrachd dhiubh a ghabhail.

A rèir rannsachaidh, 's e àite air leth freagarrach a th' ann an Ceann Loch Lìobhain dhaibh, leis gu bheil sgoil, seirbheisean slàinte agus taighean rim faotainn dhaibh an sin.

Thèid coinneamh phoblach a chumail san sgìre oidhche Luain airson bruidhinn mu dheidhinn nam planaichean.

Bidh daoine bhon Chomahirle, an t-seirbheis slàinte agus na Poilis an làthair airson innse do mhuinntir na sgìre mu na planaichean aca.

Thuirt fear de chomhairlichean Loch Abair, Tòmas MacIllInnein, gur e cothrom a th' ann do mhuinntir na sgìre ceistean fhaighneachd agus fiosrachadh fhaotainn mun chùis.