Mì-chinnt mhòr mun Choimisean

  • 15 An Dùbhlachd 2016
Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach

Tha mì-chinnt mhòr a' cuairteachadh Choimisean na Croitearachd is dithis de dh'àrd-oifigearean na buidhne air diùltadh a dhol gu coinneimh 's iad ag ràdh nach urrainn dhaibh obrachadh còmhla ris a' bhòrd.

Dh'iarr triùir de cho-luchd-gairm Buidheann Thar-Phàrtaidh na Croitearachd aig Pàrlamaid na h-Alba an uairsin gun rachadh Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a chur às a dhreuchd.

Bha an t-Oll. Dòmhnall Meek à Tiriodh aig a' choinneimh sin.

Thuirt esan gu bheil a' mhì-cinnt a' dèanamh cron mòr.

"Puing a bha mise a' togail a-nochd, 's e gun robh mise glè eòlach air an t-seann Choimisean," thuirt e.

"Agus ge b' i dè bha a' tachairt leis an t-seann Choimisean, cha robh mì-chinnt uair sam bith ann mu shuidheachadh a' Choimisein fhèin.

"Bha an Coimisean, mar gum biodh e, na rud socrach, bunaideach, agus ged a rachadh tu fhèin 's an Coimisean far a chèile an-dràsta 's a-rithist, bha fhathast an Coimisean a bha sin na chlach-iùil dhut ann an gnothaichean na croitearachd.

"Chan eil sin, nam bharrail-se, fìor a-nise idir, o chionn 's gu bheil uiread de mhì-chinnt mu cò a tha ga stiùireadh, am bu chòir dha a bhith ann, is deasbad den t-seòrsa sin".

Tuilleadh air an sgeulachd seo