Cathraiche ùr Chomunn na Gàidhlig

  • 14 An Dùbhlachd 2016
Coinneach MacÌomhair agus Iain MacAmhlaigh
Image caption Tha Iain MacAmhlaigh a' gabhail àite Choinnich MhicÌomhair

'S e Iain MacAmhlaigh, a bha na Stiùiriche air Roinn na h-Obrach Sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar, Cathraiche ùr ChnaG.

Gabhaidh e àite Choinnich MhicÌomhair a bh' anns an dreuchd bho 2012.

'S ann à Uibhist a Tuath a tha Iain MacAmhlaigh ach tha e air iomadh bliadhna a chur seachad ann an Leòdhas.

Thuirt Mgr MacAmhlaigh gur e a' Ghàidhlig a bhrosnachadh am measg òigridh fear den prìomh amasan a tha fa-near dha.

"Tha mi misneachail gun urrainn do ChnaG a bhith ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig 's na roinnean-ionadail air feadh Alba 's na buidhnean Gàidhlig eile - gun urrainn dhuinn barrachd brosnachaidh a thoirt seachad do dh'òigridh gu h-àraid airson a bhith a' bruidhinn na Gàidhlig bho là gu là taobh a-muigh na sgoile".

Maoineachadh

Thuirt e, le cho gann 's a tha airgead anns an roinn phoblaich, gum feumar a dhèanamh cinnteach gu bheil e ga chosg anns an dòigh as fheàrr.

Mhol e cuideachd gun deadh a' bhuidheann an sàs ann an co-bhanntachd le buidhnean eile airson cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.

"Tha fios againn gu bheil tòrr den òigridh a-nis ag ionnsachadh na Gàidhlig ach 's e a-nis a bhith ag iarraidh orra a bhith ga cleachdadh - taobh a-muigh na sgoile, anns a' choimhearsnachd agus anns na dachaighean," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile