Inbhe shònraichte do sheann staile

  • 13 An Dùbhlachd 2016
illicit still Image copyright Forestry Commission

Chaidh inbhe shònraichte a thoirt do sheann staile bhon t-seachdamh linn deug a bhiodh air a chleachdadh son uisge beatha mì-laghail a dhèanamh.

Chiadh lorg fhaighinn air an staile faisg air Eas a' Bhruic, ann an Gleann Afraig ann an 2008.

Tha coltas gun deach a thogail anns an t-seachdamh linn deug agus ann an àite gu math iomalach agus duilich fhaighinn thuige.

Thuirt neach labhairt bho Iomairt Choilltean na h-Alba gu bheil na ceudan stailean mar seo air feadh choilltean na h-Alba, 's gu bheil e cudthromach dhaibh-san a bhith a' clàradh gach fear agus a' dèanamh obair rannsachaidh air an eachdraidh agus a feuchainn ri dìon a chur orra.

Achd Cìs-bhathair

Bhiodh an staile aig Eas a' Bhruic ann am bothan beag air falach fo sgàil na creige 's bha allt beag faisg air làimh.

Chìthear beagan dhe na tha air fhàgail dhen làrach faisg air an eas an an sgor os cionn abhainn Afraig.

Image copyright Forestry Commission
Image caption Thòisich daoine a' dèanamh uisge-beatha mì-laghail dhaibh fhèin nuair a thàinig Achd Cìs-bhathair a-steach ann an 1788.

Chaidh casg a chur air daoine bhon a bhith dèanamh an uisge-beatha aca fhèin ann an 1788 le Achd Cìs-bhathair ach cha do chur sin stad air feadhainn a bhith dèanamh uisge-beatha gu mì-laghail.

Blas

Bhiodh iadsan a' cleachdadh gràinn braiche - rud nach biodh na taighean-staile mòra aig deas a' cleachdadh chionn 's gun robh cìsean mòra ga chur air.

Leis a sin, bha blas gu math nas fheàrr air an uisge-bheatha mì-laghail, 's bha iarratas mòr air a shon, agus gu leòr do luchd-ceannachd, fiù 's anns na bailtean mòra.

Thuirt neach-labhairt Iomairt Choilltean na h-Alba, Giles Brockman gu bheil an staile a' cur nar cuimhne àm nuair a bha mòran air feadh na Gàidhealtachd a' dèanamh an uisge-beatha aca fhèin.

"Cha robh daoine, san fharsaingeachd, a' coimhead air uisge-beatha mì-laghail agus a' mealladh siostam nan cìsean mar eucoir, ach mar iomairt shòisealta".

Ann an 1823 thàinig Achd ùr a-steach a thug cead do thaighean-staile uisge-beatha a dhèanamh son cìs nas lugha, agus chaidh a chìs air brach a' lùghdachadh cuideachd 's mar sin thàinig piseach mòr air blas an uisge-beatha a bha a' tighinn bho na taighean-staile mòra.

Chaidh an àireamh do thaighean-staile laghail suas gu mòr agus thàinig crìonnadh air stailean mì-laghail.

Nuair a chaidh a' chiad mapa bhon t-Suirbhidh Òrdanais a dhèanamh ann an 1872 air sgìre Afraig, bha an staile aig Eas a' Bhruic ga dhiochuimhneachadh.

An-diugh tha Iomairt Choilltean na h-Alba air an staile ainmeachadh mar àite shònraichte a thaobh eachdraidh na sgìre agus tha dòchas ann nach tèid a dhiochuimhneachadh tuilleadh.