Fianais ga togail an Inbhir Narann

  • 12 An Dùbhlachd 2016
Togail fainais Image copyright Bratach/Flikr

Nochd na ceudan de luchd-iomairt ann an Inbhir Narann Didòmhnaich gus fianais a thogail an aghaidh iarrtais bho Ùghdaras Port Linne Chrombaigh airson cead fhaighinn na milleanan thunnaichean ola a ghluasad bho shoitheach gu soitheach aig muir.

Tha luchd-iomairt ag ràdh gum faodadh a' bhuaidh bho dhortadh ola a bhith sgriosail dhan àrainneachd mhara.

Chruinnich mu 500 air tràigh Inbhir Narann gus fianais a thogail.

Tha leumadairean, mucan mara agus grunn ainmhidhean mara eile a' tighinn beò ann an Linne Mhoireibh, a thuilleadh air eòin mhara.

Tha cead aig Port Chrombaigh ola a ghluasad bho bhàta gu bàta roimhe ma tha na h-eathraichean air an ceangal ris a' phort aig Bàgh an Eige.

Ach tha iad air cead iarraidh bho Bhuidhinn na Mara agus nam Maor-Cladaich ola a ghluasad bho bhàta gu bàta aig muir.

Tha seo air daoine ann an coimhearsnachdan ri taobh Linne Mhoireibh fhàgail draghail, 's iad ag ràdh nan deadh càil ceàrr, agus nan deadh ola ma sgaoil, gum faodadh sin fìor-dhroch-bhuaidh a thoirt air an àrainneachd agus na bailtean mun cuairt a' crochadh air turasachd cho mòr.

Tha Ùghdaras Port Linne Chrombaigh ag ràdh gu bheil planaichean aca airson suidheachadh san deadh ola ma sgaoil a sheachnadh, agus nach eil uimhir de chunnart ann gun tachair sin.