Fianaisichean gan sireadh

  • 9 An Dùbhlachd 2016

Tha Poilis na h-Alba a' sireadh luchd-fianais às dèidh aithis mu mhèirle ann an Inbhir Nis Diardaoin.

Chaidh aithris gun do thòisich dithis fhireannach a' bruidhinn ri fear air Barraid Ghleann Dotha mus do mhaoidh iad air le uidheam eadar 10:15m agus 11:30m.

Fhuair iad às le suim airgid.

Bha aon de na fireannaich geal, mu 30 bliadhna de dh'aois, le falt donn.

Bha seacaid dhubh air, dions agus trainers geal.

Bha an dàrna duine eadar 25 agus 30 bliadhna de dh'aois, 's bha hudaidh ghorm air, briogais ghlas agus trainers geal.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh thuca air an àireamh fòn 101 air neo fios a chur gu Crimestoppers.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile