Tuilleadh ghearraidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • 9 An Dùbhlachd 2016

Tha ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd a' coimhead ri còrr is 200 dreuchd eile a ghearradh mar phàirt den oidhirp aca airgead a shàbhaladh.

Sheall pàipearan a chaidh a sgaoileadh gun chead gu bheil a' Chomhairle a' beachdachadh air cur às de sheirbheis nam maor-dùthcha, agus na faraidhean air aiseig a' Chorrain àrdachadh.

Dh'fhaodadh gun tig àrdachadh cuideachd air cìsean parcaidh.

Thuirt Ceannard Buidseit na Comhairle, Bill Fernie, nach eil iad airson luchd-obrach a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil.

Chan eil fada bho dh'fhàg cha mhòr 400 de luchd-obrach na Comhairle an dreuchdan gu saor-thoileach.

Càineadh

Tha aonadh an GMB air càineadh làidir a dhèanamh air na planaichean, ag ràdh gun deadh seirbheisean na Comhairle a sgrios ma thèid na gearraidhean seo air adhart.

Thuirt iad gum biodh fìor-dhroch-bhuaidh aca air seirbheisean na Comhairle agus air an luchd-obrach a bhios air fhàgail.

Thèid tuileadh fiosrachaidh mu na planaichean a thoirt do luchd-obrach na Comhairle Dihaoine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile