Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd

Tha Queens Park Rangers ag ràdh gun deach innse dhaibh mu sheann chasaidean drabastachd an aghaidh fear a bha ùine mhòr ag obair dhaibh a' lorg chluicheadairean ùra, Chris Gieler. Dh'fhàg esan an cluba ann an 2003 agus bhàsaich e bliadhna an dèidh sin. Thuirt QPR gun obraich iad le sgrùdadh sam bith.

Agus dh'fhoillsich Comann a' Bhuill-Choise fiosrachadh mun rannsachadh a thèid a dhèanamh air drabastachd eachdraidheil anns an spòrs. Tha iad cuideachd a' fastadh cuideigin eile airson a bhith os cionn an rannsachaidh a tha sin. Bidh Clive Sheldon QC, eòlaiche ann an dìon cloinne, a' dol an àite Kate Gallafent. Chaidh aithris gun deach an ceannas atharrachadh air sàilleabh 's gun deach an rannsachadh a leudachadh a-mach.

Brexit

Thuirt an Seansalair, Philip Hammond, gun coimhead Breatainn air na buannachdan agus an call a bhiodh an lùib a bhith a' pàigheadh suimean airgid dhan Aonadh Eòrpach airson cothrom fhaighinn air a' mhargaidh shingilte an dèidh dhan dùthaich an EU fhàgail. An t-seachdain seo chaidh, thuirt David Davis, am ministear a tha os cionn pròiseas Brexit, gum faodaiste pàigheadh airson faighinn chun a' mhargaidh shingilte. Tha seo air iomagain a chur air cuid ge-tà, a tha gu tur taiceil do Bhrexit. Ach, a' bruidhinn ro choinneimh de mhinistearan ionmhais Eòrpach anns a' Bhruiseil, thuirt Mgr Hammond gun robh e ceart do Mhgr Davis a bhith a' bruidhinn a-mach mun chuspair.

Teine

Dhùin ionad-stiùiridh na seirbheis smàlaidh ann an Inbhir Nis. Thèid gairmean èiginn sam bith o sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean a-nis a làimhseachadh ann an Dùn Dè. Tha an t-seirbheis fhèin ag ràdh nach bi daoine mothachail air an atharrachadh. Ach tha dragh air mòran gun tèid fiosrachadh agus eòlas ionadail a-nis a chall.

An Fhraing

'S e Ministear na Dùthcha san Fhraing an ath-Phrìomhaire a bhios air an dùthaich. Bidh Bernard Cazeneuve a' dol an àite Manuel Valls, a tha a' fàgail a dhreuchd agus esan a' dol a sheasamh airson a bhith na thagraiche dhan Phàrtaidh Shòisealach. Tha e airson an riochdachadh ann an taghadh a' chinn-suidhe a thèid a chumail anns an Fhraing an ath-bhliadhn'.