Pàipearan naidheachd tràth chun nan eilean?
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Pàipearan naidheachd tràth chun nan eilean?

1 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thubhairt Loganair gum biodh iad deonach coimhead ri a bhith a' giulain nam pàiperean naidheachd a tìr-mòr chun nan Eileanan an Iar.

Bhiodh sin a' ciallachadh gum faodadh eileanaich na pàipearan aca a cheannach 'sa mhadainn seach a bhith a feitheamh gu feasgar.

Dh'innis Àrd stiùiriche Loganair, Seonachan Hinkles, do chomhairlichean gun coimhead e air am biodh e comasach na pàipearean fhaighinn air bòrd nuair a thoisicheas itealain nas motha a' frithealadh nan eilanan an ath bhliadhna.