Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imreachd

Tha na h-àireamhan oifigeil as ùire a' cur in-imreachd anns an fharsainneachd aig a 335,000 air a' bhliadhna dhan Ògmhios. Tha an diofar eadar na thàinig a-steach a Bhreatainn agus a dh'fhàg mu 1,000 nas lugha na bh' ann air a' bhliadhna ron sin. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun tàinig 650,000 duine a-steach a Bhreatainn air a' bhliadhna - an àireamh as motha riamh air a bheil clàradh aca.

Drabastachd Chloinne

Thuirt Comann Nàiseanta Dìon na Cloinne gun do chuir còrr is 850 duine fios orra air a' chiad sheachdain bho stèidhich iad loidhne-fòn do dh'fheadhainn a dh'fhulaing drabastachd ann am ball-coise. Thuirt an carthannas gun tug iad còrr is 60 de na cùisean sin gu aire nam Poileas no seirbheisean cloinne air a' chiad thrì là den t-seirbheis fòn.

British Gas

Thuirt British Gas, a' chompanaidh as motha a tha a' reic dealain is gas ann am Breatainn, nach bi àrdachadh sam bith sna prìsean aca air a' Gheamhradh seo. Dh'innis companaidh eile, SSE, ron seo, nach cuir iadsan prìsean suas nas motha airson connadh dachaigh, ged a bha aithrisean ann gum biodh prìsean anns an fharsainneachd ag èirigh.

Aois an Uallaich Eucorra

Bheir Riaghaltas na h-Alba fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh air a' phlana airson an aois aig am bu choir clann uallach a ghabhail airson eucoir a chur suas bho ochd bliadhna, gu dusan bliadhna de dh'aois. Chuir Panal Comhairleachaidh an Riaghaltais taic ris a' mholadh mar thà, agus dhùin an conaltradh air a' chùis anns an t-Iuchar.

Brexit

Bidh an Seansalair Philip Hammond, agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' deasbad buaidh Bhrexit aig coinneimh ann an Dùn Èideann an-diugh. Iarraidh esan air Riaghaltas na h-Alba taic a chur ris agus e ag ullachadh airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach, ged a tha Nicola Sturgeon ag ràdh gum feum iad ceanglaichean dlùtha a chumail ris an EU.

Aiseag Shlèite

Dh'iarr Fòram Còmhdhail Shlèite air Caledonian Mac a' Bhriuthainn clàr-ama samhraidh na h-ath-bhliadhna eadar Malaig agus Armadal fhoillseachadh cho luath 's a ghabhas, agus dearbhadh gun till an MV Coir' Uisg' chun na slighe sin. Tha gearain ann an ceann a deas an eilein gu bheil mì-chinnt mun t-seirbheis dona do dh'eaconamaidh na sgìre. Thuirt Cal Mac gum bi iad a' foillseachadh clàr-ama na h-ath-bhliadhna a dh'aithghearr.

Tidsearan Gàidhlig

Gheall Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill tuilleadh thidsearan Gàidhlig a thrèanadh, 's gun lean iad orra a' dèanamh sin. Bha Stiùiriche Foghaim a' Bhùird, Mona Wilson, a' freagairt beachd às ùr gu bheil gainnead thidsearan a' cur maill air foghlam Gàidhlig.

Rolls Royce

Tha Rolls Royce a' gearradh 800 cosnadh air feadh an t-saoghail ann an roinn mara na buidhne. Tha mu 400 duine ag obair anns an roinn sin ann am Breatainn. Ach cha tuirt a' chompanaidh càite am bi na gearraidhean.