Clàr-ama Samhraidh a dhìth "cho luath 's a ghabhas"

  • 1 An Dùbhlachd 2016
MV Coir' Uisg'

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag iarraidh air Caledonian Mac a' Bhriuthain an clàr-ama Samhraidh airson na h-ath-bhliadhna fhoillseachadh cho luath 's a ghabhas, agus dearbhadh gun tèid an MV Coir' Uisg' a thilleadh chun na slighe eadar Malaig agus Armadal.

Tha am Fòram ag ràdh gu bheil dìth fiosrachaidh a' toirt buaidh air nithean eile san sgìre, companaidhean turais bhus gu h-àraid.

Bha dragh mòr san sgìre mu na seirbhisean aiseig an-uiridh, 's tha am Fòram ag iarraidh soillearachaidh air seirbheisean na h-ath-bhliadhna.

"Tha sinn ag iarraidh an aiseig a chaidh a chruthachadh, a chaidh a thogail bho thùs airson na slighe seo, tha sinn ga h-iarraidh air ais," thuirt Cathraiche Fòraim Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Chaidh a cur a Muile as t-Samhradh a chaidh, agus tha sin an dèidh dìol eagallach a dhèanamh air an t-seirbheis, agus tha i dìreach air a bhith truagh dha-rìribh fad an t-Samhraidh a chaidh.

"Nise fhuair sinn brath bho Chal Mac san t-Iuchar, gum feumadh sinn fios a chur air ais thuca air dè an t-seirbheis a bha sinn ag iarraidh, agus chuir sinn am fiosrachadh sin thuca aig an àm sin, bho chionn faisg air sia mìosan.

"Cha d' fhuair sinn aon fhacal air ais bhuapa fhathast air dè an t-seirbheis a bha gu bhith againn air an t-Samhradh a tha a' tighinn.

Thuirt labhraiche bho Chaledonian Mac a' Bhriuthain gu bheil iad faisg air clàran-ama an t-Samhraidh seo tighinn a chrìochnachadh 's gun tèid am foillseachadh cho luath 's a ghabhas.