Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Thuit 5% far luach nan earrannan ann am Banca Rìoghail na h-Alba a dh'fhàillig deuchainn air an seasadh am banca ri èiginn ionmhais eile. Rinn Banca Shasainn sgrùdadh air na seachd bancaichean as motha agus ged nach do rinn Barclays ro mhath nas motha fhuair am banca sin tron deuchainn air èiginn.

Drabastachd

Tha naoi feachdan poilis air feadh Bhreatainn a-niste a' rannsachadh chasaidean eachdraidheil mu dhrabastachd an aghaidh cloinne ann am ball-coise. Thàinig dearbhadh bho Fheachd Poilis Cheann a Tuath na Cuimrigh an-diugh gu bheil iad a' rannsachadh aithrisean air ionnsaighean drabasta anns an spòrs.

Cìsean

Tha Pàrlamaid na h-Alba a' faighinn tuilleadh chumhachd an-diugh agus smachd air cìs teachd a-steach a' gluasad gu foirmeil bho Westminster. Bhon Ghiblean an ath-bhliadhna 's i Pàrlamaid na h-Alba a bhios a' stèidheachadh ìre na cìse sin ann an Alba.

CIA

Thuirt stiùiriche an CIA, a tha a' fàgail na dreuchd sin a dh'aithghearr, gur e mearachd uabhasach a bhiodh ann dhan cheann-suidhe thaghte, Dòmhnall Trump, cur às do dh'aonta niùclasach Aimeireaga ri Ioran. Agus thuirt John Brennan gum feumadh an ceann-suidhe ùr a bhith faiceallach cuideachd mun Ruis.

Comhairle nan Eilean Siar

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh airgid a chur ri leasachadh na h-eaconamaidh. Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheil am fiosrachadh a thàinig bho Choimisean nan Cunntasan an-dè mu chion airgid ann am buidseatan comhairle air feadh Alba a' cur cuideim air an Riaghaltas rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh.

Tidsearan

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba sreath mholaidhean, agus £1m de thaic-airgid, airson tuilleadh thidsearan a thrèanadh. Tha an Riaghaltas ag amas air dreuchdan tidseir ann an cuspairean mar shaidheans, teicneòlas agus matamataigs gu h-àraid a lìonadh ann am bun-sgoiltean agus anns na h-àrd-sgoiltean.

Cànan

Thàinig rabhadh bho eòlaiche eadar-nàiseanta nach e àireamhan luchd-labhairt as cudromaiche do chànan ach an àireamh a tha ga cleachdadh. 'S e a tha cudromach a rèir a' Chanaidianaich Chris Harvey ach an ìre gu bheil an luchd-labhairt a' cleachdadh cànain agus tha e den bheachd nach mair cànan mar a' Ghàidhlig gun aire atharrachadh bho labhairt gu cleachdadh.