Cleachdadh "nas cudromaiche" na comas

  • 30 An t-Samhain 2016
Sgoil
Image caption 'S e cleachdadh, seach comas, as cudromaiche, a rèir Mhgr Harvey.

Thàinig rabhadh làidir bho eòlaiche eadar-nàiseanta mhion-chànanan nach eil a bhith a' cur an-àirde àireamhan luchd-labhairt a' dol a shàbhaladh cànain.

'S e a tha cudromach, a rèir a' Chanaidianaich Chris Harvey, ach an ìre gu bheil an luchd-labhairt sin a' cleachdadh a' chànain dha-rìribh.

Tha Mgr Harvey a' rannsachadh ann an Oilthigh Thoronto agus ag obair an lùib leasachadh chànanan tùsanach ann an Canada agus anns na Stàitean Aonaichte.

Tha e den bheachd nach bi cànanan mar a' Ghàidhlig beò san ùine fhada gun fòcas atharrachadh bho chomas labhairt gu deòin cleachdaidh.

A' toirt seachad òraid air beag-chànanan aig co-labhairt anns na Stàitean Aonaichte bho chionn ghoirid, thuirt e nach e co mheud a tha comasach air cànan a bhruidhinn a tha cudromach, ach co mheud aca a tha dha-rìribh ga cleachdadh - gu h-àraid anns an dachaigh.

A rèir Mhgr Harvey, tha fianais ann à iomadh dùthaich a' sealltainn, mura tèid an cleachdadh sin a chur an-àirde, gun tuit àireamh luchd-labhairt gu mòr anns an ath-ghinealach.

Tha eagal air gu bheil sinn a' cruthachadh luchd-labhairt - tro sgoiltean is eile - a tha comasach air mion-chànan a bhruidhinn ann an cuid de shuidheachaidhean, ach nach eil dha-rìribh a' dol nan luchd-cleachdaidh.

Cha toir iad sin, tha e ag ràdh, an cànan dhan ath-ghinealach.

"Tha barrachd 'luchd-labhairt' gu bhith agad seach 'luchd-cleachdaidh', ach tha ceangal gu math làidir eadar an àireamh 'luchd-cleachdaidh' a tha agad an-dràsta agus co mheud 'luchd-labhairt' a bhios agad ann an 50 no 60 bliadhna," thuirt e.

A rèir Mhgr Harvey, tha diofar mòr eadar daoine a tha nan 'luchd-labhairt' a-mhàin agus feadhainn a tha cuideachd nan 'luchd-cleachdaidh', ged is e luchd-labhairt as trice a bhios cunntais-sluaigh agus luchd-leasachaidh cànain a' tomhais.

'S e 'luchd-cleachdaidh,' na bheachdan, an fheadhainn a tha a' cleachdadh a' chànain anns an dachaigh agus anns a' choimhearsnachd , agus gu sònraichte an fheadhainn a nì cinnteach gu bheil iad ga toirt dhan ath-ghinealach.

"'S e an àireamh luchd-cleachdaidh a ghluaiseas ath-bheothachadh cànain air adhart," thuirt Mgr Harvey.

Na beachd-san, tha àireamhan luchd-labhairt a' dol a thuiteam gu mòr 30 bliadhna - no ginealach - an dèidh do chleachdadh coimhearsnachd, seach comas labhairt, crìonadh.

Thog e cuideachd an iomagain a th' air gu bheil sgoiltean tro mheadhan mhion-chànanan tric a' tionndadh a-mach nam mìltean 'luchd-labhairt' nach eil dha-rìribh nan 'luchd-cleachdaidh', oir ged a tha an cànan aca, chan eil iad a' dol air adhart ga cleachdadh nam beatha agus ga toirt dhan ath-ghinealach tro dhachaigh is coimhearsnachd.

Tha Chris Harvey an-dràsta a' dèanamh PhD ann an Oilthigh Thoronto an Canada, 's thug e ceum Maighsteireachd ann an Cànanas a-mach roimhe ann an Oilthigh Mhanitoba.

Bha e roimhe na oifigear leasachaidh aig Institiùt nan Cànanan Dùthchasach, stèidhichte ann an Sante Fè, agus tha e a-nis ag obair gu neo-eisimeileach a' cuideachadh chànanan tùsanach.