Seirbheis mhàthaireil ga h-atharrachadh

  • 29 An t-Samhain 2016
Luchd-togail fianais
Image caption Bha mu 15 neach a' togail fianais ron coinneimh aig a' bhòrd slàinte.

Ghabh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ri plana a bheir lùghdachadh air an t-seirbheis mhàthaireil ann an sgìre Ghallaibh aig coinneimh den bhòrd Dimàirt.

Bha muinntir na sgìre a' togail fianais ron choinneimh ann an Inbhir Nis.

Chaidh moladh an t-seirbheis atharrachadh an dèidh bàs phàistean aig Ospadal Ghallaibh thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad.

Sheall sgrùdadh a rinn NHS na Gàidhealtachd gum bu chòir an t-seirbheis a chur fo stiùir mhnathan-glùine seach àrd-dhotairean.

Thuirt an t-Oll. Hugo van Woerden gur ann mar seo a tha gnothaichean ann an ceàrnaidhean eile den Ghàidhealtachd.

Mì-thoileachas

Ach tha mì-thoileachas mòr san sgìre mu dheidhinn.

Thuirt luchd-strì gun robh an co-dhunàdh na fhìor bhriseadh-dùil dhaibh.

Thuirt an Comh. Uilleam Fernie, a tha na chathraiche air a' bhuidhinn-strì, gu bheil e a' smaoineachadh gum bi barrachd thrioblaidean agus call-beatha ann ri linn nan atharrachaidhean.

Chuir am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, taic ris na planaichean an t-seachdain a chaidh 's i ag ràdh gur ann air adhbharan sàbhailteachd a bha an t-atharrachadh ga mholadh.