Comhairle Coimhearsnachd an Àirigh an Tuim?

  • 28 An t-Samhain 2016

Thèid coinneamh a chumail ann am Borgh Leòdhais Diluain a bhios ag amas air Comhairle Coimhearsnachd a stèidheachadh ann an Àirigh an Tuim.

Chaidh feuchainn roimhe ri Comhairle Coimhearsnachd a chur air dòigh ach cha tàinig na dh'fheumadh iad de dhaoine air adhart.

Tha an t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn am measg na tha an sàs anns an oidhirp 's tha e ag ràdh gur e an t-àite a sgioblachadh beagan fear de na rudan a dh'iarradh e fhèin.

"'S e rud a bu mhotha a tha mise a' faicinn 's gum bu chaomh leam a bhith a' faicinn na h-àrainneachd air a dèanamh nas fheàrr - tha tòrr rudan mar seann chàraichean 's seann feansaichean 's rudan den t-seòrsa sin ri fhaicinn dìreach air fhàgail ri taobh nan rathaidean-mònadh".

Mhiannaicheadh e cuideachd gun deadh frith-rathaidhean a thogail anns an sgìre mar a th' aca ann am pàirtean eile den eilean.

Ballrachd

Feumaidh co-dhiù ceathrar a bhith ann airson Comhairle Coimhearsnachd a stèidheachadh 's faodaidh suas ri 12 ball a bhith oirre uile gu lèir.

Ma thig barrachd na sin air adhart feumaidh taghadh a bhith ann.

Tòisichidh a' choinneamh aig 8:00f ann an Talla MhicGuaire ann am Borgh agus bidh riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar an làthair.

Feumaidh tagraidhean airson na Comhairle Coimhearsnachd a bhith a-staigh ro 4:00f Diciadain, an 30mh là den t-Samhain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile