"Chan atharraich HIE"

  • 26 An t-Samhain 2016
Campus Inbhir Nis Image copyright Handout
Image caption Tha mòran air dragh a thogail mu na tha an dàn dha HIE

Tha Cathraiche Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ag ràdh gu bheil e "làn mhisneachd" gun lean a' bhuidhean mar a bha.

Tha mòran air draghan a nochdadh bho thàinig e am barr gun tèid cur às de bhòrd HIE 's bòrd nàiseanta ùr gu bhith os cionn chompanaidhean leasachaidh agus sgilean na h-Alba.

Thuirt an t-Oll. Lorne Crerar ge-tà gu robh e air gealltanas fhaighinn gun lean HIE anns a' chruth anns a bheil e an-dràsta.

Thuirt e gu bheil iad ann an còmhraidhean le Riaghaltas na h-Alba airson dèanamh cinnteach nach tèid HIE a làgachadh, agus gur ann a tha iad an dòchas gun tèid a neartachadh.

Tha mòran luchd-poileataigs dùbhlanach air càineadh a dhèanamh air na planaichean 's iad ag ràdh gur ann a tharrraingeas seo cumhachd air falbh bhon Ghàidhealtachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile