Tinneas Lyme as cumanta an Uibhist

  • 25 An t-Samhain 2016
Gartan

Tha an àireamh dhaoine leis an tinneas Lyme ann an Uibhist gu math nas àirde na an àite sam bith eile 's na h-Eileanan an Iar, a rèir fhiosrachaidh a chruinnich naidheachdan Radio nan Gàidheal.

Chan eil fhios carson a tha an galar, a th' air a sgaoileadh le gartain, cho bitheanta ann an Uibhist.

Chaidh a dhearbhadh gun do thog 165 duine an tinneas Lyme ann an Uibhist thairis air ceithir bliadhna.

Aig an aon àm, air rèir fhiosrachaidh bho ionadan meidigeach air feadh nan Eilean Siar, cha deach ach aon chùis a dhearbadh ann an Leòdhas agus na Hearadh, agus trì ann am Barraigh.

Dotairean Teaghlaich

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag obair air iomairt ann an Uibhist airson aire a thogail mu ghartain agus na galairean a tha iad a' sgaoileadh.

Thèid iomairt an NHS fhoillseachadh 's t-Earrach.

A rèir aon dotair teaghlaich ann an Uibhist, chan eil fhios an e aon adhbhar a-mhàin a th' ann airson nan àireamhan mòra den tinneas, air sàileabh 's nach deach rannsachadh ceart a dhèanamh riamh.

"Dh'fhaodadh gur e mar a tha barrachd dhaoine ga aithneachadh as coireach gun deach na h-àireamhan an-àirde," thuirt an Dr. Kate Dawson, bho Ionad Meidigeach Bheinn nam Fadhla.

"Ach sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, coltach ri sgìre iomallach dhùthchail sam bith An Alba, tha diofar mòr dha-rìribh air a bhith againn ann a bhith a' tàladh dhotairean teaghlaich.

"Tha sinn air a bhith an eisimeil dhotairean locum a bhith a' tighinn suas a dh'obair dhuinn, agus 's dòcha nach eil na locumaich a tha sin eòlach gu clinigeach air an tinneas Lyme, agus 's dòcha nach eil iad eòlach gu leòr air na siostaman còdachaidh againn airson na cùisean a dhearbhas iad a chur air a' choimpiutair.

Image caption Bidh beathaichean leithid nam fiadh a' giùlain nan gartan o àite gu àite.

"Chunnacas cuideachd barrachd dhaoine a' nochdadh aig ionad na tubaiste 's na h-èiginn, agus iad 's dòcha gun an clàradh aig dotair teaghlaich. Mar as trice, chan eil na cùisean sin air an clàradh san stòr-dàta.

Fèidh

"Nuair a ghabhas tu sin uile a-steach, bhiodhte an dùil ri lùghdachadh sna h-àireamhan, ach cha do thachair sin.

"'S e m' fhaireachdainn fhèin, gu bheil e air fàs nas cumanta san deich bliadhna mu dheireadh.

"Ach chan eil fhios againn dè bha a' tachairt o chionn 20 bliadhna, no 30 bliadhna, oir cha robh sinn a' coimhead.

Tha cuid a' coireachadh na th' ann de dh'fhèidh ann an Uibhist, leis gum bi na beathaichean a' tarraing nan gartan, 's gan giùlain mun cuairt gus an leum na gartain air ais gu talamh.

A bharrachd air fèidh ge-tà, tha mar a tha stoc ga ghluasad cuideachd a' sgaoileadh nan gartan bho mhòinteach gu machaire, agus bho eilean gu eilean.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba agus Oighreachd Uibhist a Tuath ag aontachadh gu bheil àireamh nam fiadh an Uibhist air a dhol am meud.

Bidh rannsachadh a tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' dèanamh air an tinneas Lyme na phàirt de phlana stiùiridh nam fiadh ann an Uibhist nuair a bhios e deiseil.