Trì croitean ùra gan reic an Slèite

  • 24 An t-Samhain 2016
Gillean

Dh'innis an t-uachdaran Urras Chlann Dòmhnaill gu bheil iad a' cur trì croitean air an oighreachd aca ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich air a' mhargaidh.

Bidh dhà rim faotainn air prìs nach eil ro àrd do dhaoine òga neo do dhaoine is teaghlaichean a tha a' fuireach ann an Slèite.

Thuirt Jan Wallwork-Clarke bhon Urras gur e dòigh mhath a th' ann air a' ghinealach òg a chumail anns an sgìre. Dh'innis i cuideachd gun tèid an t-airgead a chur a dh'ionnsaigh chosgaisean ruith na h-oighreachd.

'S e Gillean a bhios air a bhaile ùr ann an sgìre Achadh na Cloiche.

Bidh earrainnean ann an talamh ionaltraidh Gillean an cois gach croit a thèid a cheannach.

Mì-thoileachas

Bha croitean rim faighinn san sgìre ann an 2011, ach cha do dhearbh a' bhuidheann co-dhiù an deach an reic neo an cur gu feum.

Bha mì-thoileachas mòr anns a' choimhearsnachd agus sa ghnìomhachas aig an àm seach nach b' e talamh math croitearachd a bh' ann.