Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tosgaire Bhreatainn

Thuirt Rùnaire Bhrexit, Dàibhidh Davis, nach eil dreuchd tosgaire Bhreatainn ann an Washington bàn, às dèidh dhan cheann-suidhe thaghte Trump a ràdh gum freagradh an obair glè mhath air Nigel Farage. Tha Sràid Dhowning ag ràdh cuideachd nach eil àite ann do cheannard UKIP. Thuirt Mgr Farage gun robh e moiteil à beachd Mhgr Trump agus gum feumadh Sràid Dhowning aithneachadh gu bheil an saoghal ag atharrachadh.

Dòmhnall Trump

Tha Dòmhnall Trump air a bhith a' mineachadh cuid de na prìomh amasan a bhios aige anns a' chiad ceud là aige anns an Taigh Gheal. Thuirt e gum bi Aimeireaga a' tarraing a-mach à Aonta Malairt a' Chuain Shèimh am measg nan ciad rudan a nì e. Thuirt e gun toir sin obraichean air ais a dh'Aimeireaga. Ach ann am bhidio a' mineachadh nam poileasaidhean aige, cha robh guth air cur às do dh'Obamacare, no balla a thogail air a' chrìch le Meagsago.

UKIP

Tha Coimisean nan Taghaidhean a' dèanamh sgrùdadh air cunntasan UKIP. Coimheadaidh iad air aithrisean gun do mhì-chosg am pàrtaidh airgead an Aonaidh Eòrpaich agus air co-dhiù a chaidh laghan sam bith a thaobh maoineachadh thaghaidhean ann am Breatainn a bhriseadh. Thuirt labhraiche dhan phàrtaidh gun robhas misneachail gun tèid fhaighinn nach deach càil ceàrr a dhèanamh.

Uàrdan Màthaireil

Tha luchd-strì ag iarraidh riaghailtean nas teinne às dèidh rannsachadh a rinn am BBC an Alba 25,000 cùis cronail a thoirt am bàrr ann an uàrdan màthaireil bho 2011. Am measg sin tha triùir bhoireannach a bhàsaich agus 79 pàiste nach do rugadh beò. Dh'fhoillsich Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, an-dè gun deigheadh sgrùdadh a dhèanamh air mar a bhàsaich sianar pàiste "gun adhbhar" aig ospadal Chrosshouse ann an Cill Mhearnaig.

Lloyds

Tha an Riaghaltas air tuilleadh de na h-earrannan a bh' aig an Roinn Phoblach ann am buidheann bhancaireachd Lloyds a reic. Tha 8% de dh'earrannan a' bhanca a-nis ann an làmhan an Riaghaltais. Aig àirde staing an ionmhais, bha 43% de na h-earrannan aig an Riaghaltas.

Seirbheisean Rèile

Tha Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, a' dol a dhèanamh aithris èiginneach anns a' Phàrlamaid a-màireach mu sheirbheisean rèile na h-Alba. Tha e air a ràdh nach eil Scotrail aig ìre iomchaidh, agus dh'aontaich e ceistean a ghabhail anns a' Phàrlamaid air na tha an dàn dhan t-seirbheis às dèidh dha a' chompanaidh Abellio, a tha ga ruith, a chàineadh. Dh'fheumadh Scotrail aithisg leasachaidh fhoillseachadh as t-Sultain às dèidh iarrtas bho Chòmhdhail Alba às dèidh crìonadh ann an ìrean cunbhalachd agus seasmhachd nan seirbheisean aca.