Sgeadachadh air clach a' bhàird

  • 21 An t-Samhain 2016
gravestone Image copyright Other
Image caption Rugadh Dòmhnall ann an Dail na Spideil ann an 1798

Chaidh tòrr obrach a dhèanamh gus clach-chinn a' bhàird, Dòmhnall Phàil, no Dòmhnall Caimbeul, a sgeadachadh.

Sgrìobh e an t-òran, 'Guma slàn do na Fearaibh' anns an Òg-mhìos 1838 - fear de na h-òrain eilthearaich a bu chudromaiche a chaidh a sgrìobhadh sa Ghàidhlig.

Chunnaic e sluagh mòr à sgìre Bhàideanach a' cruinneachadh ann an Ceann a' Ghiuthasaich 's iad a' coiseachd dhan Ghearasdan, 's iad a' dèanamh air a' cheann-thall air Astràilia.

Cìobair

Bha an t-òran a' toirt iomradh air suidheachadh nan ceudan Ghàidheal a chaidh thar a' chuain aig àm nam fuadaichean.

Rugadh Dòmhnall Caimbeul ann an Dail na Spideil ann an 1798 's thòisich e ag obair mar chìobair ann am Baile Chraoin ann an 1822 far an robh càirdean aige ag obair.

Sgrìobh e an t-òran gaoil 'Duanag a' Chìobair' a th' air a sheinn fhathast, ach tha mòran dhe na h-òrain aige nach deach a ghlèidheadh leis nach deach an sgrìobhadh sìos.

Tha còig dhiubh ann an leabhar a sgrìobh Tòmas Sinton 'Poetry of Badenoch', ach nuair a dh'fhàs am bàrd sean, a rèir Sinton, cha robh e airson òrain òige a sheinn.

Image copyright Kingussie Arts Network
Image caption Bha e duilich dèanamh a-mach an sgrìobhadh air a' chloich mus deach a sgeadachadh.

Chuir am bàrd seachad an dà fhichead bliadhna mu dheireadh dha bheatha ann an Gleann Gòineig, faisg air Ceann a' Ghiuthsaich, agus dh'eug e an sin ann an 1875.

'S e buidheann ealain Cheann a' Ghiuthasaich, le taic bho Chomann Gàidhlig Inbhir Nis, Comhairle na Gàidhealtachd agus Alba Aosmhòr a chuir air dòigh na cloiche.

Guma slàn do na fearaibh

Gu'm a slàn do na fearaibh

Thèid thairis an cuan,

Gu talamh a' gheallaidh,

Far nach fairich iad fuachd.

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.

Gu'm a slàn do na mnathan

Nach cluinnear an gearan,

'S ann thèid iad gu smearail,

'G ar leantuinn thar 'chuan;

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.

'Us na nìghneagan bòidheach,

A dh'fhalbhas leinn còmhladh,

Gheibh daoine ri 'm pòsadh,

A chuireas òr 'nan dà chluais.

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.

Gheibh sinn aran 'us ìm ann,

Gheibh sinn siucar 'us tea ann;

'S cha bhi gainne oirnn-fhìn,

'S an tìr 's am bheil buaidh.

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.

'N uair dh'fhàgas sinn 'n t-àit' so,

Cha chuir iad mòr-mhàl oirnn;

'S cha bhi an Fhèill Màrtainn

'Cur nàire 'n ar gruaidh.

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.

Gu'm fàg sinn an tìr so,

Cha chinnich aon nì ann;

Tha 'm buntàt' air dol 'dhìth ann,

'S cha chinn iad le fuachd.

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.

Gheibh sinn crodh agus caoraich;

Gheibh sinn cruithneachd air raointean,

'S cha bhi e cho daor dhuinn,

Ri fraoch an Taoibh-Tuath.

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.

'N uair a thèid mi do 'n mhunadh,

A mach le mo ghunna,

Cha bhi geamair no duine,

'G am chur air an ruaig.

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.

Gheibh sinn sìod' agus sròl ann;

Gheibh sinn pàilteas de 'n chlòimh ann,

'S ni na mnathan dhuinn clò dheth,

Air seòl an Taoibh-Tuath.

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.

Cha bhi iad 'g ar dùsgadh;

Le clag Chinne-Ghiùbhsaich,

Cha bhi e gu diùbhras,

Ged nach dùisg sinn cho luath.

Gu'm a slàn do na fearaibh,

Thèid thairis an cuan.