Aonta Loganair is Flybe gus tighinn gu ceann

  • 21 An t-Samhain 2016
Pleana Image copyright Reamonn Lenkas

Thig an t-aonta eadar na companaidhean adhair Loganair is Flybe gu ceann anns an Lùnasdal 2017.

'S e Loganair a tha a' ruith sheirbheisean adhair chun na Gàidhealtachd 's nan Eilean às leth Flybe.

Bha iad a' ruith sheirbheisean às leth BA eadar 1993 is 2007, is bhon uairsin às leth Flybe.

Thuirt Flybe nach deach aca air aonta a ruighinn mu ghnothaichean coimearsalta agus dòighean air seirbheisean a ruith.

Thuirt iad nach eil dùil aca gun toir an suidheachadh buaidh air na prothaidean aca.

Inbhe

Thuirt Loganair gun lean iad orra leis an t-seirbheis aca fhèin, is gun toir sin "inbhe ùr Albannach" dhan ghnìomhachas.

'S e "clach-mhìle" a th' ann dhaibh, a rèir Àrd-stiùiriche Loganair, Jonathan Hinkles.

"Ged a tha Loganair air a bhith a' riuth sheirbheisean às leth chompanaidhean nas motha fad 24 bliadhna, tha ar n'ainm gu math aithnichte air feadh Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, is tha daoine measail oirrn", thuirt Mgr Hinkles.

"Tha sinn den bheachd gur e seo an t-àm ceart a dhol a-mach air ar ceann fhèin", thuirt e.

Tha cha mhòr 300 seirbheis aca a-mach is a-steach à Glaschu gach seachdain, is 's iad a' chompanaidh as motha a tha a' frithealadh air puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Thig an cùmhnant eadar an dà chompanaidh gu ceann aig deireadh an Lùnasdail.

Ticeadan

Dh'innis Loganair gum bi e comasach ticeadan a cheannach air loidhne leotha 'son seirbheisean às dèidh sin bhon Mhàirt 2017.

Gabhaidh ticeadan 'son seirbheisean suas gu deireadh an Lùnasdail a cheannach air làrach-lìn Flybe.

Thuirt Flybe gun tig fiosrachadh bhuapa a-rithist air mar a bhios iad a' frithealadh air luchd-siubhail ann an Alba san àm ri teachd.

Dh'innis Loganair nas tràithe air a' mhìos gun tàinig lùghdachadh cha mhòr 50% air na prothaidean aca sa bhliadhna ionmhais mu dheireadh.

Thuirt iad, ge-tà, gu bheil ìre nan seirbheisean air tighinn air adhart anns na mìosan a chaidh seachad.

Dh'aidich iad gun robh "dùbhlan mòr" air a bhith aca tron bhliadhna le trioblaidean teicnigeach a' cur bacadh air na seirbheisean aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile