Dragh mu cho-chomhairle fhiaclaireachd

  • 18 An t-Samhain 2016
Fiaclair Image copyright PA

Nochd dragh mu ath-sgrùdadh a tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' dèanamh air seirbheisean fiaclaireachd ann an Uibhist, is am pròiseas co-chomhairle gu sònraichte.

Tha ionadan fiaclaireachd an-dràsta ann an Loch Baghasdail, Lionacleit is Loch nam Madadh.

Tha am Bòrd Slàinte a' coimhead ri trì roghainnean.

Dh'fhaodadh iad ionadan Loch nam Madadh is Lionacleit a leasachadh, is fear ùr a chur ann an Loch Baghasdail.

Tha roghainn eile ann na seirbheisean air fad a ghluasad a dh'Ospadal Uibhist is Bharraigh is fiaclar a' dol a-mach dhan fheadhainn nach b' urrainn tighinn dhan ospadal.

'S e an roghainn mu dheireadh na seirbheisean a stèidheachadh san ospadal ach clionaig a bhith ann uaireannan ann an Loch nam Madadh is Loch Baghasdail.

Bidh coinneamh cho-chomhairleachaidh ann aig deireadh na mìos, ged a tha casg air na 's urrainn a bhith an làthair.

Tha dragh air a' Chomh. Uisdean Robasdan mun cho-chomhairle.

Thuirt e nach fhaigh an fheadhainn a gheibh àite aig a' choinneimh - àireamh bheag de dhaoine thuirt e - cothrom idir beachdachadh air taobh ionmhais nam molaidhean, is nach fhaigh a' choimhearsnachd gu lèir cothrom beachd a thoirt aig an ìre seo den phròiseas.

Nuair a gheibh iad an cothrom sin, thuirt e, 's e cothrom beachd a thoirt air an roghainn as fheàrr leis a' Bhòrd Shlàinte a bhios ann.

Dh'innis an Comh. Robasdan gun robh coinneamh aige ri BPA na sgìre, Alasdair Allan, is gun deach innse gum bi cothrom aig an Riaghaltas a dhòl an sàs mura h-eil muinntir an àite toilichte leis a' cho-dhùnadh.

Thuirt e gur e tàmailt a bhiodh ann nan tigeadh an gnothach dha sin.

"'S e an dragh a th' ann cho beag 's a tha aig a' choimhearsnachd san fharsaingeachd ri dhèanamh timcheall air seo", thuirt an Comh. Robasdan.

"Tha e gu math tàmailteach anns an t-saoghal far a bheilear a' bruidhinn air barrachd chumhachd a thoirt do choimhearsnachd, cho beag agus cho lag 's a tha guth na coimhearsnachd anns an sgrùdadh a tha seo", thuirt e.

Thog an Comh. Robasdan dragh mu cho-chomhairle san fharsaingeachd, is e a' cumail a-mach gu bheil an sluagh a' fàs sgìth leis an t-siostam a th' ann.

"Tha sinn a' faicinn nan co-chomhairlean seo cho tric agus tha daoine a' tionndadh dheth ann an dòigh air sgàth is gu bheil iad a' faireachdainn nach eil ann ach a' cur stràc ann am bocsa agus nach eil guth aig a' choimhearsnachd idir.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhan Riaghaltas fhèin agus a h-uile buidheann a tha timcheall a bhith a' toirt barrachd taic dhan choimhearsnachd", thuirt e.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun bheil iad fhèin is Bòrd Amalaichte na sgìre air a bhith a' còmhradh ris a' choimhearsnachd is eile mun chùis 'son grunn mhìosan.

Dh'innis iad gu bheil dùil aca gun tig aon mholadh air adhart bhon choinneimh aig deireadh na mìos.

Thuirt iad gum faigh a' choimhearsnachd cothrom meòrachadh air a' mholadh a tha sin "ann an co-theacs nan roghainnean eile a bh' ann".

Thuirt iad gur e co-chomhairle fhosgailte is shoilleir a bhios ann, is gum bi cothrom aig a h-uile duine ann an Uibhist am beachd a thoirt seachad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile