Gearraidhean am fàbhar Inbhir Nis

  • 18 An t-Samhain 2016
Eden Court Image copyright John Allan

Dh'fhàg BPA Gàidhealach air Comhairle na Gàidhealtachd nach eil na gearraidhean a tha iad a' dèanamh cothromach dhan sgìre gu lèir.

Tha dragh air Ceit Fhorbeis mu mholadh airson gearradh cha mhòr 50% ann an taic-airgid Ionad Nibheis sa Ghearasdan.

Thuirt i gu bheil an gearradh sin doirbh a thuigsinn nuair a tha gearradh 2% ga mholadh do mhaoineachadh Eden Court ann an Inbhir Nis.

Thuirt am ball Nàiseantach gun cuireadh gearradh den leithid ceist mhòr mu choinneimh Ionaid Nibheis.

Tha i den bheachd gun tèid an goireas à bith ma thèid an gearradh air adhart, is i ag ràdh gu bheil iad mar-thà gu mòr an eisimeil luchd-obrach saor-thoileach.

"Tha mise a' smaointinn gu bheil Eden Court agus Ionad Nibheis a' toirt na h-aon sheirbheis a thaobh ceòl is nan ealan, is mar sin bu chòir am maoineachadh a bhith nas cothromaiche", thuirt Ceit Fhorbeis.

"Tha mi a' smaointinn gum bu chòir dhan Ghearasdan an aon sheirbheis agus maoineachadh fhaighinn bhon Chomhairle air sgàth is gu bheil sinn uile nar pàirt den Ghàidhealtachd.

"Chan eil e faidhir nuair a tha aon phàirt den Ghàidhealtachd a' faighinn barrachd na roinn eile", thuirt i.

Thathas a' feitheamh air beachd fhaighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile