Bana-Leòdhasach a' faighinn duais fad-beatha a thaobh na Gàidhlig

  • 17 An t-Samhain 2016
Duaisean Mòra na Gàidhlig Image copyright Phil Dye

Fhuair Anna NicSuain à Nis a phrìomh dhuais airson a cuid obrach ann am foghlam agus leasachadh coimhearsnachd aig Duaisean Mòra na Gàidhlig a tha air a chur air bhonn le Bòrd na Gàidhlig agus am pàipear-naidheachd 'The Daily Record'.

Bha duaisean ann cuideachd do Sheumas Watson às Alba Nuaidh 'son Sàr-obair agus 's i Shannon Cowie à Inbhir Nis a fhuair urram mar Thosgaire Òg na Gàidhlig.

Fhuair prògram rèidio a' BhBC 'Beag air Bheag' Duais an Luchd-ionnsachaidh aig a' chuirm - prògram a tha toirt taic agus cuideachaidh do luchd-ionnsachaidh, le eòlaichean a' toirt seachad fios air cànan, gràmar is ainmean àite agus thathas a' bruidhinn ri neach-ionnsachaidh eadar-dhealaichte gach seachdain 'son misneachadh is brosnachadh a thoirt dhaibh.

Thuirt tè de riochdairean a' phrògraim, Fiona NicCoinnich gun robh e uabhasach snog aithneachadh fhaighinn, agus gu bheil e brosnachail a bhith a' faireachdainn gu bheil iad a' dèanamh ruideigin a tha a' còrdadh ris an luchd-ionnsachaidh.

Cànan sgoilearachd

Ach thàinig rabhadh nach bi anns a' Ghàidhlig ach cànan sgoilearachd mura tèid barrachd a' dhèanamh anns na sgìrean anns a bheil daoine fhathast ga bruidhinn.

Sin a thuirt Anna NicSuain à Nis, ann an Leòdhas, a' bruidhinn an dèidh dhi an duais airson a cuid obrach ann am foghlam agus leasachadh coimhearsnachd a thogail Diciadain.

Thuirt a' Bh-Ph. NicSuain gun robh e math a bhith a' toirt taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh na dùthcha, ach gun robh na coimhearsnachdan far a bheil a' Ghàidhlig seasmhach cudromach cuideachd.

"Tha e math a bhith ag àrdachadh luchd-labhairt a' chànain, ach mura bi coimhearsnachdan far a bheil a' Ghàidhlig air a' bruidhinn, tha e cho math dhuinn sgur dheth."

Tosgaire òg

'S i Shanon Cowie à Inbhir Nis a' bhuannaich duais Tosgaire na bliadhna.

Tha Shanon a' fuireach ann an Glaschu, agus às dèidh dhi ceum a thoirt a-mach, tha i air tòiseachadh air trèanadh 'son a bhith na dotair.

Tha a' Ghàidhlig cudromach dhi, agus tha i a' fuireach ann a 'Taigh na Gàidhlig' aig Oilthigh Ghlaschu far a bheil i a' faighinn cothrom an cànan a bhruidhinn.