Prìomh shia an targaid aig Foran

  • 17 An t-Samhain 2016
Richie Foran Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Chaley Thistle, Richie Foran, gu bheil e air targaid a chur mu choinneimh na sgioba aige crìochnachadh sa phrìomh shia den lìog.

Tha sgioba Inbhir Nis an-dràsta san t-siathamh àite, is iad air faighinn seachad air speilig dhoirbh tràth san t-seusan nuair a bha iad aig bonn na lìge is nuair a chaidh iad a-mach à Cupa na Lìge an aghaidh Alloa.

Thuirt Foran gu bheil ICT air cluich an aghaidh a h-uile sgioba eile san lìog, is gu bheil e den bheachd gu bheil an sgioba aige comasach air àite sa phrìomh shia.

Dh'innis e gur e sin an targaid a tha e a' cur mu choinneimh nan cluicheadairean aige.

Thuirt e nach do rinn ICT cho math 's a dh'iarradh iad ann an geamaichean aig àm na Nollaige is na Bliadhna Ùire anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, is gu bheil e ag amas air sin a chur ceart air an t-seusan seo.

Bidh sin cudromach, thuirt e, nan oidhirp àite fhaighinn sa phrìomh shia.

Dh'innis Foran cuideachd gu bheil e faisg air aonta a ruighinn air cùmhnantan ùra do Carl Tremarco is Alex Fisher.

Thig Obar Dheathain gu Inbhir Nis Disathairne.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile