Cudromachd fànais Steòrnabhaigh

  • 17 An t-Samhain 2016
Coincheap de charbad fànais Image copyright Thinkstock

Tha luchd-rannsachaidh aig Colaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh den bheachd gum faodadh iad a dhol nam pàirt cudromach de dh'obair fànais.

Tha rannachadh a' dol aig a' cholaiste, a tha na pàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, feuch diofar sheòrsaichean einnsein jet a chruthachadh, a dh'fhaodadh a bhith air an cleachdadh gus carbadan fànais a chur air reul-chuairt.

Chaidh Steòrnabhagh a chur air adhart mar làrach far am faodadh port-fànais a bhith air a stèidheachadh.

Thug an Dr Chris MacLeòid, a tha an ceann an rannsachaidh, còig bliadhna ag obair còmhla ri NASA.

Tha esan ag ràdh gu bheil iad ag amas air einnsean jet a chruthachadh, a ghabhas ath-chleachdadh, agus a bheir carbad fànais bho raon-laighe gu ruige fànais agus air ais.

"'S e na rinn sinn an seo, gu bheil a' chleasachd fìrinne air fad, agus am bathair bog air fad a dh'fheumas sinn airson an t-einnsean a dhealbhachadh," thuirt e.

"Ach tha sinn an-dràsta a' bruidhinn ri oilthighean agus companaidhean eile mu bhith a' leasachadh 's a' dèanamh deuchainnean air na pàirtean fa-leth leotha.

"Agus tha compàirteachas no dhà a' coimhead fàbharach an sin.

"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn, mar eisimpleir, ri Oilthigh Ghlaschu agus eile, mu dheidhinn a bhith a' co-obrachadh.

"'S e an dòchas a th' againn, gun tèid againn, tro chompàirteachasan, air deuchainnean a dhèanamh agus a thoirt ceum nas fhaide air adhart, feuch ùidh cuid de na companaidhean mòra fànais a spreagadh ann, agus faodaidh iadsan fheuchainn."