Fianais ga togail mu spadadh nan geàrr

  • 17 An t-Samhain 2016
Geàrr Image copyright Colin Park/Geograph

Bidh cuid de dhaoine a' coiteachadh taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin airson stad a chur air a bhith a' spadadh gheàrran.

'S iad a' bhuidheann charthannais OneKind a th' air cùl na h-iomairt, agus iad ag ràdh gu bheil cus de na beathaichean air am marbhadh air monaidhean na h-Alba.

Tha e comasach do dh'oighreachdan seilge ceadan iarraidh airson geàrran a chumail sìos.

Tha buidhnean eile leithid Urras Fiadh-bheatha na h-Alba cuideachd air a bhith a' feuchainn ri aire a thogail mun chùis, 's iadsan ag ràdh nach eil fianais gu leòr ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air an àireamh gheàrran, neo am feum a tha spadadh a' dèanamh.

Tha dùil gum bruidhinn Alison NicIain BPA, bhon Phàrtaidh Uaine, agus Dàibhidh Stiùbhairt bhon Phàrtaidh Làbarach aig an tachartas taobh a-muigh na Pàrlamaid.