An Ceannadach aig a' Phàrlamaid

  • 16 An t-Samhain 2016
Cailean Ceannadach

Nochdaidh Fear-Gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceannadach, mu choinneimh Comataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail aig Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Tha a' chomataidh a' sireadh fiosrachaidh bho riochdairean Choimisean na Croitearachd is iad gu bhith a' beachdachadh air laghan croitearachd ath-leasachadh.

Tha lagh na croitearachd air a bhith fo sgrùdadh mionaideach am-bliadhna is diofar bheachdan air Achd na Croitearachd aig cridhe buaireadh nan comtaidhean ionaltraidh.

Mar dhòigh air dèiligeadh ri cuid de na ceistean a tha air nochdadh tha Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, airson achd ùr croitearachd a stèidheachadh.

A-nis tha Comataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail a' tional fianais air a' chùis.

Nochdaidh riochdairean bho Choimisean na Croitearachd air beulaibh na comataidh.

Nam measg bidh Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach.

Na bu thràithe am-bliadhna dh'innis Mgr Ewing do Chailean Ceannadach nach robh brìgh sam bith aig na beachdan aige air lagh na croitearachd, an dà chuid mu dheidhinn an airgid a dh'fhaodas comataidhean ionaltraidh a chumail nan cunntasan, agus mu bhith a' cur a-steach airson taic SRDP.

Tha rannsachadh a' leantainn an-dràsta mun dòigh anns an do dhèilig Mgr Ewing ris a' bhuaireadh a tha air a' bhith a' cuairteachadh a' Choimisein bho rinn Mgr Ceannadach gearain oifigeil mu dheidhinn.