Suirbhidh Mòr na Gàidhlig

  • 15 An t-Samhain 2016
Bannan Image copyright Handout

Thèid rannsachadh a dhèanamh gus faighinn a-mach ciamar as urrainn dha na meadhanan togail a thoirt dhan Ghàidhlig.

'S e Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA a th' air cùlaibh Suirbhidh Mòr na Gàidhlig.

"'S e rannsachadh a th' ann a choimiseanaich Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA còmhla," thuirt Alasdair MacCaluim, a tha an sàs ann.

"Bha iad airson faighinn a-mach dè an ceangal a bh' ann eadar na meadhanan Gàidhlig - sin rèidio, TBh agus an eadar-lìon - agus brosnachadh a' chànain agus ionnsachadh a' chànain.

"Tha iad airson faighinn a-mach a bheil buaidh aig TBh 's rèidio 's an eadar-lìon air na tha daoine a' cleachdadh de Ghàidhlig, agus air na sgilean Gàidhlig a th' aca.

"Bidh an rannsachadh a' coimhead air daoine aig a bheil Gàidhlig gu fileanta, air luchd-ionnsachaidh agus cuideachd air daoine a tha a' coimhead air BBC ALBA aig nach eil Gàidhlig."