Dh'aidich fear ri ionnsaigh le sàbh-sèine

  • 14 An t-Samhain 2016
house of chainsaw attack
Image caption Chaidh Flòraidh agus Iain Mac a' Phearsain a dhroch leòn anns an ionnsaigh.

Dh'aidich fireanach às a' Ghearasdan san Àrd Chùirt gun tug e ionnsaigh air teaghlach sa bhaile le sàbh-sèine.

Air a 14mh Iuchair 2016, bhris Seumas Dòmhnallach, 48, a-steach dhan taigh aig Flòraidh is Iain Mac a' Phearsain ann an Caol a' Ghearsdain.

Bha e a' maoidheadh an nighean aca, Tracey, a mharbhadh mus tug e droch ionnsaigh air a pàrantan leis an t-sàbh-sèine.

Air là na h-ionnsaigh, chaidh an Dòmhnallach fhaicinn ann an taigh-seinnse ann an Caol a' Ghearasdain far an robh e a' cumail sàbh-sèine fon t-seithear aige.

Leòn gu dona

Goirid às dèidh sin chaidh e chun an taighe aig Flòraidh agus Iain Mac a' Phearsain anns a' Chaol, far an d' fhuair e a-steach tron doras cùil agus thòisich e a' maoidheadh orra leis an inneal.

Thuirt an Dòmhnallach gun robh e a' lorg na h-ìghne aca, Tracey, a bha na leannan dha gus an do dhealaich i bhuaithe beagan làithean ron tachartas, agus thuirt e gun robh e a' dol ga marbhadh.

Chaidh Flòraidh a bhualadh leis an t-sàbh agus nuair a dh'fheuch an duine aice, Iain Mac a' Phearsain - a bha 74, stad a chur air an Dòmhnallach, chaidh a leòn gu dona.

Thuirt luchd-casaid gun do theab e a ghàirdean a chall anns an ionnsaigh - agus mur a b' e gun robh e air taic meidigeach fhaighinn gu sgiobalta, bhiodh e air bàsachadh.

Dol-a-mach bagarrach

Chaidh an Dòmhnallach a chur an grèim leis na Poilis goirid às dèidh na h-ionnsaigh agus dh'aidich e riutha-san na rinn e.

Dh'aidich e cuideachd anns a' chùirt Diluain gun robh e ciontach air casaidean gun robh e ri dol a-mach bagarrach agus gun robh e a' giulain inneil chunnartaich.

Thèid binn a thoirt air, air an 13mh den Dùbhlachd.