"Cothrom deireannach" do chumachd eileanach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Eòlaiche ag ràdh gur e conaltradh ùr an cothrom mu dheireadh

10 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

A rèir eòlaiche cumhachd, 's e co-chomhairleachadh air cumhachd gaoithe eileanan iomallach an cothrom mu dheireadh do phròiseactan mòr ath-nuadhachail anns na h-Eileanan.

Bha Murchadh Moireach a' bruidhinn 's Ministear a' Chumhachd, Greg Clark, ag innse an-dè nach bi tuathan-gaoithe air tìr airidh air subsadaidhean.

Ach thuirt Mgr Clark gun tèid rannsachadh a dhèanamh air an gabh cùis shònraichte a dhèanamh do leasachaidhean gaoithe sna h-Eileanan.

Tha Ruaraidh Rothach ag aithris.