Santa san Eilean Sgitheanach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rèis Santa anns an Eilean Sgitheanach

8 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha greis ann fhathast mus bi againn ri dhol a ruileach san lobht airson solais is tinsel, ach tha Bodach na Nollaige air ceann a thogail ann am Port Rìgh mu-thràth.

Agus chan eil e na aonar.

Tha duil ri na ceudan bhodaich Nollaige sa bhaile air an ath-mhìos, agus 'reis Santa' ga cumail san Eilean Sgitheanach airson a' chiad uair.

Ged a tha còrr is mìos ann chun na rèis tha cuid de na santas a' trèanadh gu cruaidh, mar a tha Calum MacIlleathain ag aithris.