Rannsachadh tromad-inntinn thuathanach

  • 8 An t-Samhain 2016
Tromad-inntinn Image copyright PA

Chaidh iarraidh air tuathanaich agus croitearan pàirt a ghabhail ann an sgeama rannsachaidh pìleat le Oilthigh Ghlaschu.

Tha an rannsachadh ag amas air feadhainn sa ghnìomhachas a tha a' fulang le leithid tromad-inntinn.

Bhiodh aca ri cùrsa goirid a dhèanamh air loidhne.

Ma shoirbhicheas leis an rannsachadh, ma dh'fhaoidhte gun tèid a chleachdadh san fharsaingeachd gus cuideachadh a thoirt do dhaoine.

Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach (NFU) a' brosnachadh thuathanach 's chroitearan a dhol an sàs ann.

"Tha tuathanaich is croitearan an-diugh, tha iad a' cur seachad leithid de thìde leotha fhèin, agus ma tha biod dragh inntinn no mar sin a' tachairt dhaibh, chan eil daoine eile timcheall orra airson mothachadh gu bheil rudeigin ceàrr," thuirt Raibeart Dòmhnallach bho NFU na Gàidhealtachd.

"Tha sinn an dòchas gun tog am pìleat a tha seo duine sam bith a tha droch-inntinneach agus gun dèan e cuideachadh dhaibh.

"Ma thèid daoine air an làraich-lìn aig an NFU, tha ceanglaichean an sin tro an cuir iad fios air na daoine a tha a' dèanamh a' phìleit," thuirt e.