Stèiseanan Poilis an cunnart

  • 7 An t-Samhain 2016
Seacaid Phoilis

Thàinig e am follais gu bheil Poileas Alba a' meòrachadh air sreath de stèiseanan air feadh na dùthcha a dhùnadh.

Tha grunn stèiseanan ann an Earra-Ghàidheal air an liosta den fheadhainn a dh'fhaodadh dùnadh.

Às dèidh iarrtais bhon BhBC fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air togalaichean ann an 58 làrach.

Nam measg, tha stèiseannan poilis san Òban, ann an Inbhir Aora, Taigh an Uillt, Ceann Loch Gilb, Càradal is Ceann Loch Chile Chiarain.

Far nach biodh feum air stèisean, dh'fhaodadh luchd-obrach a bhith air an gluasad gu stèiseanan eile faisg air làimh.

Cha deach an liosta fhoillseachadh gu poblach roimhe, ach thuirt na Poilis gum bi co-chomhairle phoblach ann mu stèisean sam bith a dh'fhaodadh a bhith air a dhùnadh.

Thuirt iad nach deach co-dhùnadhidhean a dhèaamh fhathast, is gur dòcha gun tèid cuid de na stèiseanan a chumail fosgailte.