Dòchas mu Bhilly Irving

  • 2 An t-Samhain 2016
Billy Irving

Thuirt cèile Billy Irving, fear às Earra-Ghàidheal air an deach binn còig bliadhna ann am prìosan sna h-Ìnnseachan, gun robh i dòchasach gun cuidich am Prìomhaire, Theresa May, e fhèin agus còignear eile a shaoradh nuair a thadhaileas i air an dùthaich an ath-sheachdain.

Bha na fir an sàs ann an iomairt an aghaidh spùinneadairean nuair a chaidh an sòitheach aca a dh'uisgeachan Ìnnseanach.

Lorg na h-ùghdarrasan gunnaichean mì-laghail air bòrd.

Thuirt cèile Mhgr Irving, Yvonne McHugh, gu bheileas gan cumail ann an suidheachadh bochd, agus thuirt i gu bheil i an dòchas gun tèid aig a' Bh-Ph. May air ìmpidh a chur air Prìomhaire nan Ìnnseachan na fireannaich a shaoradh.