Airgead HIE do chompanaidhean armachd

  • 2 An t-Samhain 2016
Fèill armachd Image copyright EPA/Sergey Dolzhenko

Tha ball Gàidhealach aig Holyrood air Riaghaltas na h-Alba a chàineadh às dèidh mar a thàinig e am bàrr gun deach na milleanan notaichean bho bhuidhnean iomairt dha companaidhean a bha ri malairt armachd is eile.

Thuirt am ball Uaine, Iain Finnie, gur e malairt sgriosail a tha seo is gum feum an Riaghaltas stad a chur air airgead poblach sam bith a tha a' dol ga h-ionnsaigh.

Rinn an SNP càineadh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte roimhe airson armachd a reic ri Saudi Aràbia, is casaidean ann gun deach a chleachdadh an aghaidh shìobhaltach ann an Iemen.

Fhuair Mgr Finnie gun deach còrr is £18m bho Iomairt na h-Alba is Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu compananaidhean a bhios ri malairt armachd.

Thuirt neach-labhairt airson Riaghaltas na h-Alba gur e am poileasaidh aca nach bu chòir armachd a chleachdadh ach nuair a tha riaghaltas air cead laghail fhaighinn is fo phrionnsabalan Chùnradh an UN.

Thuirt iad gun tug buidhnean iomairt taic dha companaidhean airson an obair aca a leudachadh is teicneòlas nach robh ceangailte ri armachd a leasachadh, cho math ri cosnaidhean a ghlèidheadh ann an Alba.