Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mosul

Tha feachdan sònraichte Iorac an sàs ann an sabaid chruaidh le reubaltaich na buidhne IS air iomall baile Mhosul. Tha na reubaltaich air a bhith a' losgadh ghreinèidean, mhoirtearan agus tha iad air a bhith a' cleachdadh charbadan làn stuth spreadhaidh airson ionnsaighean fèin-mhairbhteach a thoirt air feachdan an Riaghaltais. Thug Prìomhaire na dùthcha, Haider al-Abadi, rabhadh seachad dha na reubaltaich gèilleadh no gum faigheadh iad bàs. Tha dùil aig feachdan an Riaghaltais grèim de sheòrsa air choreigin a bhith aca air pàirt den bhaile ro dheireadh an là an-diugh. 'S e Mosul am baile mu dheireadh ann an Iorac far a bheil smachd aig IS.

Àird nan Saor

Chaidh seann ghàrradh-ola Àird nan Saor a reic ann an aonta luach còrr air £5m. Chaidh an làrach a chur air a' mhargaidh nuair a chaidh a' chompanaidh leis an robh e ann an rianachd. Bhathar a' gabhail Port Àird nan Saor air agus bhathar an dòchas a mhargaidheachd mar àite anns am b' urrainn companaidhean a bha airson tuathan-gaoithe a thogail iad fhèin a stèidheachadh. Chan eil fhios cò a' chompanaidh a th' air an gàrradh a cheannach.

Iasgach

Thèid coinneachadh le Ministear na h-Inimrich aig Westminster, Raibeart Goodwill, gus fuasgladh fhaighinn do shuidheachadh a tha a' fàgail cuid de bhàtaichean-iasgaich nan Eilean Siar ceangailte aig acarsaid. Chan eil na bàtaichean a' dol gu muir an dèidh mar a chaidh luchd-obrach à dùthchannan cèine a thionndadh air falbh, seo air sgàth laghan inimrich. Tha Ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, am measg na tha a' moladh sgeama ùir a bhiodh ga stiùireadh aig ìre ionadail tro chomainn iasgairean.

Cìsean

Thuirt buidheann sgrùdaidh an Riaghaltais gu bheil an sgioba air a bheil an dleastanas airson cìsean a thional bho dhaoine beairteach air 72 cùis a rannsachadh agus daoine fo amharas foill. Ach chan eil ach aona dhìteadh air tighinn às an rannsachadh sin. Tha buidheann sgrùdaidh nàiseanta a' creidsinn gum faodadh gu bheil aig na daoine as beairtiche ri cha mhòr £2bn ann an cìsean a phàigheadh do Roinn nan Cìsean 's a' Chusbainn anns an fharsaingeachd.

Tèarainteachd Air-loidhne

Thuirt an Riaghaltas gun toir an ro-innleachd ùr aca a thaobh tèarainteachd air-loidhne cothrom do Bhreatainn strì a dhèanamh an aghaidh hagairean agus gum bi an dùthaich air aon den fheadhainn as sàbhailte air an t-saoghal airson gnìomhachais. Thèid cha mhòr £2bn a chosg air tèarainteachd air-loidhne Bhreatainn a neartachadh ron bhliadhna 2020.