Sgeama thuiltean Chùil Lodair

  • 31 An Dàmhair 2016
Pic: Northpix Image copyright Other
Image caption Rinn tuiltean milleadh air taighean ann an 2011

Tha dùil gun cuir comhairlichean taic an t-seachdain seo ri plana airson Baile a' Ghobhainn agus Cùl Lodair air iomall Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean.

Chaidh bruidhinn air an sgeama an toiseach bho chionn 14 bliadhna nuair a rinn tuiltean milleadh air taighean.

Bha tuilleadh thuiltean anns an sgìre ann an 2011 agus 2014.

Tha dùil gun cosg an sgeama mu £11m, agus gun tig mu 80% den chosgais bho Riaghaltas na h-Alba.

Chuir Cathraiche Chomhairle Coimhearsnachd Bhaile a' Ghobhainn agus Chùil Lodair, Dàibhidh MacRath, fàilte air an sgeama, ach thuirt e gun do mhol iad-san gun cuireadh a' Chomhairle drèana eile an sàs gus nach bi uimhir de dh'uisge a' laighe air uachdar na talmhainn.

Tha dragh air cuideachd gun caill Cùl Lodair a' phàirce-chluich aca.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile