Dragh mu àireamh sluaigh nan Eilean

  • 28 An Dàmhair 2016
Sreath dhaoine
Image caption Tha dùil ri àrdachadh mòr anns na tha de sheann daoine anns na h-Eileanan Siar.

Tha oidhirp shònraichte a dhìth airson daoine a chumail anns na h-Eilean Siar - a rèir Fhir-Ghairm Chomhairle nan Eilean Siar.

Bha Tormod Dòmhnallach a' toirt seachad a bheachd 's tomhais ùr a' sealltainn gun tig crìonadh de 14% air sluagh nan Eilean Siar ron bhliadhna 2039.

Tha dùil cuideachd ri àrdachadh còrr is 50% air an àireamh dhaoine nas sine na 75.

"Cuideachadh"

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gum bu chòir cuideachadh sònraichte a thoirt do dhaoine le teaghlaichean òga, neo feadhainn a tha an dùil teaghlach a bhith aca, gus am fuirich iad anns an sgìre.

"Tha sinn a' cur an t-uabhas de dh'airgead ann a bhith a' cur taic ri cloinn fhad 's a tha iad a' dol tron sgoil, tha sinn a' cur an t-uabhas de dh'airgead ann a bhith a' cur taic ri seann daoine agus 's e an fheadhainn a th' anns a' mheadhan nach eil sinn, tha mise a' smaoineachadh, a' cur taic riutha mar a bu chòir airson 's gum bi e nas tarraingiche dhaibh tighinn a dh'fhuireach anns na h-Eileanan agus fuireach anns na h-Eileanan agus na teaghlaichean aca fhèin a thogail."

Tha Tormod Dòmhnallach ag ràdh gum feum an Riaghaltas coimhead ri na ghabhas dèanamh airson sluagh a chumail ann an sgìrean iomallach.

"Fiù 's leis an àireimh sin, bidh tòrr a bharrachd nas sine am measg an àireimh sin na fiù 's an-dràsta fhèin agus 's e sin rud a dh'fheumas a' Chomhairle, na buidhnean poblach eile agus an Riaghaltas a bhith a' coimhead ris - chan ann a-mhàin ann an seo ach ann an sgìrean iomallach."

"Ged a tha na h-àireamhan àrd, tha iad àrd ann an sgìrean iomallach eile cuideachd agus 's e rud a th' ann a dh'fheumas an Riaghaltas a dhol an sàs ann còmhla ri buidhnean poblach eile."

Cumaidh Comhairle nan Eilean Siar co-labhairt an ath-mhìos airson deasbad a dhèanamh air crìonadh sluaigh anns an sgìre agus mar a ghabhas dèiligeadh ris.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile