Càin £8,000 a' dol air Jacobite Cruises Earranta

  • 27 An Dàmhair 2016
Loch ness
Image caption Thachair an tubaist aig Dabhach Garbhach

Chaidh càin £8,000 a chur air a' chompanaidh Jacobite Cruises Earranta agus sgiobair an Jacobite Queen, às dèidh do ròpa teannadh cho teann air cas tè-criutha, 's gum b'fheudar a cas a thoirt dhith.

Dh'aidich a' chompanaidh Jacobite Cruises Earranta na casaidean slàinte is sàbhailteachd nuair a chaill Aurelia Thabert a bha 25 bliadhna a dh'aois aig an àm a cas.

Dh'aidich an sgiobair, Anndra Pòl Lach (47) gun robh e cionntach de chasaidean a chaidh a thogail fo Achd Luingearachd Marsanta 1995.

Dabhach Garbhach

Air an 20mh Òg Mhìos 2012 bha an Jacobite Queen a' tilleadh dhan chidhe aig Drochaid Thom na h-Iùbhraich ann an Inbhir Nis nuair a thachair an tubaist aig staidhre-uisge Dabhach Garbhach.

Bha Aurelia Thabert, ag obair mar tè-criutha air an Jacobite Queen agus dh'fheuch i ri ròpa a bha ceangailte ris an staidhre-uisge, a leigeal às, ach chaidh a cas an lùib an ròpa.

Thòisich am bàta a' gluasad air adhart, agus theannaich an ròpa timcheall na coise.

Chaidh Ms Thabert a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir, ach leis cho dona sa bha am milleadh, b'fheudar dhaibh a' chas a thoirt dhith.

Cionnt

Dh'aidich an sgiobair, Anndra Pòl Lach ann an Cùirt an t-Siorraidh Diluain, nach robh e air a dhèanamh cinnteach gun robh gach ròpa air a thoirt a-mach às gach cromag air an staidhre-uisge aig Dabhach Garbhach mus do thòisich e an t-einnsean.

Leis gun do dh'aidich e a chionnt, chaidh binn £2,000 a chur air an àite £3,000 agus chaidh càin £6,000 a chur air Jacobite Cruises Earranta, an àite £9,000 - a-rithist air sgath's gun do dh'aidich iad cionnt.

Fhuair buidheann rannsachaidh nam Maor-chladaich nach robh na walkie-talkies aig a' chriutha ag obair air là na tubaiste 's thug sin buaidh air connaltradh eadar an sgiobair agus an luchd-obrach, cha robh còir aig an sgiobair gluasad gun fhios a bhith aige gun robh na ròpan ùile ceart gu leòr.

Slàinte is Sàbhailteachd

Thuirt stiùriche a' chompanaidh, Freda Newton gun robh slàinte is sàbhailteachd na phrìomhachas dhaibh a-thaobh luchd-turais agus luchd-obrach.

Tha iad tric a' dèanamh ath-sgrùdadh air modhan-obrach son a bhith cinnteach gu bheil an criutha sàbhailte fhad's a tha iad ag obair, thuirt i, agus tha iad air riaghailtean ùra a chur an gnìomh bhon a thachair an tubaist seo.

"Tha sinn fìor dhuilich gun do thachair an tubaist seo", thuirt i.