Leasachadh oidhche a-rithist air an A82

  • 26 An Dàmhair 2016
cones
Image caption Bha maill mhòr air trafaig madainn Dimàirt.

Cumaidh Comhairle na Gàidhealtachd ris a' phlana aca obair-leasachaidh a dhèanamh air an A82 ann an Inbhir Nis oidhche Dhiardaoin mar a bhathas an dùil.

Thèid an rathad aig Drochaid Thom na h-Iùbhraich a dhùnadh aig 7f Diardaoin agus fosglaidh i a-rithist aig 7m Dihaoine.

Bidh soidhnichean ag innse do dhràibhearan drochaid a' chanàla aig Baile an Fhraoich a ghabhail, ach faodaidh luchd-coiseachd 's daoine air baidhsagal Drochaid Thom na h-Iùbhraich a chleachdadh fhathast, fhad 's a tha an obair a' dol.

Maill

Chaidh maill mhòr a chur air na mìlltean luchd-siubhail sa bhaile Dimàirt leis gum b'fheudar dhan luchd-obrach Drochaid Thom na h-Iùbhraich a' chumail dùinte son ùine nas fhàide na bha dùil leis gun robh trioblaidean teicnigeach aca.

Bha còir aca an drochaid a dhùnadh a-rithist tro oidhche Mhàirt ach leis na trioblaidean a bh'aca, rinn iad co-dhùnadh fhàgail fosgailte gus an dèanadh iad sgrùdadh air dè chàidh ceàrr.

Thuirt fear-labhairt Chomhairle na Gàidhealtachd, Cailean Howell gu bheil iad air rudan a chur an-sàs son 's nach tachair a' leithid agus tha iad a' dol a dhùnadh an rathad tro oidhche Dhiardaoin.

Misneachail

Tha e misneachail, thuirt e, gum bi an rathad fosgailte a-rithist madain Dihaoine aig 7m.

Bidh iad a' peantadh na loidhnichean air pìosan dhen rathad mhòr Dimàirt-sa tighinn, 1mh Samhain, agus bidh cuid dhe na slighean dùinte.

Mhòl e do dhràibhearan ùine a bharrachd a thoirt dhaibh fhèin chionn 's gur dòcha gum bi maill orra.