Mòd 2020 an Inbhir Nis

  • 21 An Dàmhair 2016
Pròbhost Inbhir Nis Eilidh NicIlleMhìcheil, Àrd-Stiùiriche a' Chomuinn Ghàidhealaich Iain Moireasdan, Cathraiche comataidh a' Mhòid Tormod Dòmhnallach, agus Ceann-Suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid. Image copyright An Comunn Gàidhealach

Dh'fhoillsich an Comunn Gàidhealach gur ann an Inbhir Nis a bhios am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2020.

Chaidh am Mòd a chumail ann an Inbhir Nis mu dheireadh ann an 2014.

"Tha mi air leth toilichte gum bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tilleadh gu prìomh bhaile na Gàidhealtachd ann an 2020," thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Eilidh NicIlleMhìcheil.

"Tha dealas aig Comhairle na Gàidhealtachd ri cànan na Gàidhlig a leasachadh, agus tha fàilte mhòr ron Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis.

"Sheall rannsachadh gun do chuir am Mòd ann an 2014 £3.4m ri gnothachasan ann an Inbhir Nis," thuirt i.

'S ann an Loch Abar a bhios am Mòd ann an 2017, 's e a' dèanamh air Dùn Omhain ann an Còmhghall airson 2018.

Bidh e an Glaschu an 2019.