Cosgais Eileanan Earra-Ghàidheal

  • 21 An Dàmhair 2016
Eilean nam Beitheach air fàire Image copyright Andrew Wood/Geograph

Chaidh cuspairean leithid cosgais bìdh is eile air eileanan beaga, cothroman taigh a ceannach aig prìs reusanta agus seirbheisean còmhdhail a thogail aig co-labhairt Diardaoin ann an Eilean nam Beitheach, deas air an Òban.

Chaidh an tachartas a chur ri chèile do bhuidhnean à eileanan Earra-Ghàidheal airson beachdan a roinn eatorra.

Tha sluagh air 23 eileanan ann an sgìre Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Chruinnich 70 duine bho na h-eileanan sin ann an Eilean nam Beitheach, airson cluinntinn mu phròiseactan soirbheachail a chuidich le beatha sna h-eileanan, agus sùil a thoirt air adhart air Bile nan Eilean, ris a bheil dùil ann am Pàrlamaid na h-Alba an ath-bhliadhna.

Eaconamaidh

'S ann air Eilean Shaoil a tha Eilean nam Beitheach. Mu choinneimh a' bhaile, tha Eilean Èisdeil. Bha uair a bha gnìomhachas an sgleata a' cumail cosnaidh ri muinntir an dà àite.

Tha an gnìomhachas seachad an-diugh, ach tha sluagh fhathast ann, agus an eaconamaidh stèidhichte gu ìre mhòir air turasachd agus àiteachas.

Ach le eaconamaidh nas laige na bha, chan eil cothroman cho math do theaghlaichean fuireach anns na h-àiteachan seo, seach mar a bha.

"Tha mòran a' tachairt, ach tha mòran a dh'fheumas tachairt cuideachd," thuirt an Comh. Robin MacMhuirich, às Ìle.

"Chan eil e soirbh do dhaoine a tha a' fuireach anns na h-eileanan taighean a cheannach.

"Ach tha sinn a' togail mòran 'shon chomann taigheadais is gnothaichean mar shin.

"Agus an ceann dà no trì bhliadhnaichean ri tighinn bidh sinn a' togail thar ceud taigh, so bidh sin a' cuideachadh muinntir nan eileanan," thuirt e.

Air cuid de na h-eileanan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, tha aon teaghlach a' fuireach.

Tha sin a' fàgail dùbhlan gun samhail an Alba mu choinneimh na Comhairle.

"'S e sin an dùbhlan dha-rìribh. Tha 23 eileanan againn le slòigh, bho shluagh eadar aonar gu 6,500," thuirt Fearghas Moireach, bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

"Bidh sinne a' feuchainn ri amharc air na gnothaichean a th' aca an cumantas, na rudan mòra a nì diofar do choimhearsnachdan eileanach a thaobh fàs eaconamach a thoirt dhaibh.

"'S e rud cudromach a th' ann an ceanglaichean didseatach. Rud eile 's e taigheadas air prìs reusanta.

"Chan eil sin a' bualadh air a h-uile coimhearsnachd, ach ann an gu leòr de na coimhearsnachdan eileanach, tha gainnead thaighean air prìs reusanta na thrioblaid mhòir.

"Rud cudromach eile dhuinn, 's e a bhith a' glèidheadh sheirbheisean riatanach a tha a' ceadachadh do dhaoine a dhol a dh'fhuireach an àite.

"Niste, 's e dùbhlan mòr a tha sin leis a' mhaoineachadh a th' againn, ach tha sinn a' coimhead air dòighean ùra ionmholta gus sin a thoirt air adhart," thuirt e.

Chaidh togail aig a' cho-labhairt air cosgais a' bhìdh sna h-eileanan.

"Tha mise a' smaoineachadh gur e a' chost anns na h-eileanan an rud as miosa dhuinn - abair Colbhasa, nan robh thu ag iarraidh arain tha sin a' cost £2-£3," thuirt an Comh. MacMhuirich.

"Chan eil mi a' smaointeachadh gu bheil àite sam bith air Tìr Mòr a bhiodh tu a' pàigheadh sin.

"An rud a tha sinn ag ràdh, a' chost airson bathair a thoirt do na h-eileanan, 's e rud mòr a th' ann, agus feumaidh Riaghaltas na h-Alba amharc air sin.

"Bha ath-sgrùdadh ann o chionn cupal bhliadhna air ais ach chan eil fhios againn dè thachair timcheall air sin.

"Feumaidh iad a-nis amharc air sin gu math clis tha mise a' smaointeachadh.

"'S e sin carson, tha mise a' smaointeachadh, a tha mòran a' fàgail nan eileanan," thuirt e.

Chaidh dragh a thogail mu sheirbheisean còmhdhail cuideachd.

"Thuirt iad gum biodh iad a' cumail sùil air RET," thuirt an Comh. Ruairidh MacCumhais.

"Nise, tha RET air a bhith uabhasach soirbheachail sa h-uile àite far an deach a chur an sàs.

"Ach tha e a' toirt buaidh air a' bhun-structar.

"'S e a' Chomhairle a tha an urra ris a' bhun-structar sna h-eileanan.

"Feumaidh a' Chomhairle tuilleadh maoineachaidh fhaighinn airson a' bhun-structair sna h-eileanan mu choinneimh barrachd trafaig a bhith a' tighinn ann.

"Tha e math dha-rìribh gu bheil an trafaig sin a' tighinn, ach tha eagal orm nach seas am bun-structar rithe," thuirt e.