Geama Iomain Eadar-nàiseanta eadar Alba agus Èireann

  • 20 An Dàmhair 2016
Image caption Geama 2015

Bidh sgioba Iomain na h-Alba a' feuchainn ri greim a' chumail air Cuach Marine Harvest nuair a thèid iad an aghaidh Èireann Disathairne aig Pàirce a' Bhucht.

Cha bhith ach aon gheam ann am bliadhna - is na sgiobaidhean air dà gheam a' chluich bho 2010.

'S e faochadh a bhios ann 's dòcha do na h-Albannaich leis gu do bhuannaich na h-Èireannaich an Cupa a h-uile bliadhna eadar 2010 agus 2015.

A bharrachd air geama nam fìr bidh geama fo aois 21 agus geam nam bàn ann cuideachd Disathairne, a' toiseachadh aig 10.30sm.

Ceann Loch Seile

'S ann bho Cheann Loch Seile a tha an àireamh as motha do chluicheadairean a' tighinn - is còignear bhon sgioba sin ann am buidheann na h-Alba.

Tha buidheann na h-Alba a' faireachdainn misneachail ròn a' gheam Disathairne leis gun robh naoi puingean eadar an dà thaobh aig Pàirce a' Bhucht an-uiridh, a' reir manaidsear na sgioba, Raghnall Ros, bidh deagh chothrom aca an Cupa a' ghlèidheadh leis nach eil ann ach aon gheam am bliadhna.

"Gu h-àbhaisteach nuair a tha dà gheam ann, tha sinn ga fhaighinn doirbh san dara geam" thuirt e.

"Tha e na chuideachadh dhuinne gum feum iadsan fàs cleachte ri na riaghaltan, tha iad ga fhaighinn doirbh leis nach fhaod iad am ball a' bhreabadh neo a' ghlacadh."

Thuirt Ros, a tha eolach air cluiche anns na geamaichean sa, gu bheil na geamaichean doirbh do chluicheadairean na h-Alba cuideachd, gu h-àraidh an fheadhainn san loidhne aghaidh.

Stoidhle Cluich

"Feumaidh sinn an stoidhle againn atharrachadh cuideachd, oir bidh iadsan a' feuchainn ris a' bhall a bhuannachadh san aer, tha an caman aca coltach ri maide teanas an taca ris an fheadhainn againn, is tha sin ga dhèanamh doirbh dhuinn."

Tha Ros ge-ta a' faireachdainn gu bheil na h-atharraichean ann an cruth a' gheam a' toirt deagh chothrom dhan sgioba aige am bliadhna.

"Tha sinn a' dol dhan a' gheam seo làn mhisneachd agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn beagan fortan agus gun cluich sinn chun an ìre air a bheil sinn comasach."

A bharrachd air geam nam fear - bidh sgioba nam bàn aig Alba an aghaidh sgioba à Baile Átha Cliath.

Tha na boireannaich an dùil ri geam nas duilghe am bliadhna, oir tha an sgioba a bhitheas nan aghaidh a' cluich aig ìre nas àirde na na sgiobaidhean a chunnacas roimhe, a' reir caiptein na sgioba Missy Camshron.

"Chluich sinn nan aghaidh o chionn bliadhna neo dhà agus bha iad làidir agus eòlach, tha sinn an dochas gun tèid aig na cluicheadairean dìon againne ceann a' mhaide a' chumail ri na cluicheadairean aghaidh acasan - ach tha fhios againn gum bidh iad math.