Còisirean Bharraigh agus Ìle a' faighinn buaidh

  • 20 An Dàmhair 2016
Suaicheantas a' Chomuinn Ghaidhealaich

'S iad Còisir Ghàidhlig Bharraigh a choisinn Sgiath Latharna aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail sna h-Eileanan an Iar.

Bhuanaich Còisir Ghàidhlig Ìle Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul.

Na bu thràithe Diardaoin 's iad Còisir Sgìr' a' Bhac a fhuair Geall-dùbhlain Telebhisean Grampian 's iad a' faighinn buaidh ann am farpais nam ban.

Choisinn Còisir Ghàidhlig nan Loch Geall-dùbhlain Cuimhneachan Aline NicCoinnich airson Port-a-beul.

Seann Nòs

Thèid cuairt dheireannach Bonn Òr an t-Seann Nòis a chumail oidhche Dhiardaoin ann an Ionad Spòrs Leòdhais.

Bidh sianar bhoireannach agus triùir fhireannach a' seinn an dèidh dhaibh soirbheachadh sa chuairt dhearbhaidh madainn Dhiardaoin.

Ann am farpais nam ban 's i Claire NicAmhlaigh a bha sa phrìomh àite sa chuairt dhearbhaidh an dèidh dhith 94 comharran fhaighinn.

Bha Saffron Hanvidge agus Emma NicLeòid co-ionnan san dàrna àite le 93 comharran.

Bha Màiri Bauld, Emma NicLaomainn agus Iseabail Nic'IlleBhàin san treas àite le 91 comharran an urra.

Cuairt dheireannach

Cha robh ach triùir fhireannach ann an cuairt dhearbhaidh nam fear agus tha iad uile a' dol troimhe gu a' chuairt dheireannaich.

Se Torcuil MacLeòid a bhuannaich a' chuairt dhearbhaidh le 91 comharran.

Bha Dòmhnall Iain MacRath san dàrna àite le 89 comharran agus Eòghann MacIlleathain Stiùbhart san treas àite le 87 comharran.

Thèid comharran na cuairt dearbhaidh a chuir ri comharran na cuairt deireannaich airson nam bonn.

Bidh a' chuairt dheireannach air a chraoladh air Radio nan Gàidheal, BBC ALBA agus air làrach-lìn a' BhBC aig 1930.